Modaràtair ùr ga thaghadh
- Published
Chaidh an t-Oll. Urr. Aonghas Moireasdan ainmeachadh mar Mhodaràtair Eaglais na h-Alba aig an Àrd-Sheanadh airson na h-ath-bhliadhna.
B' fheudar dhan Oll. Urr. Moireasdan an dreuchd seo a leigeil seachad sa Mhàrt ri linn trioblaidean slàinte, agus chaidh an t-Urr. Iain Chalmers na àite.
Ach, an dèidh adhartas mòr a dhèanamh às deidh obair-lannsa, tha an Oll. Urr. Moireasdan a-nis a' coimhead air adhart ris an obair ùr aige, a bhios a' tòiseachadh sa Chèitean an ath-bhliadhna.
Thug e taing dha na daoine a chur beannachdan thuige agus a bha ag ùrnaigh air a shon.
Obair Chrìosda
Thuirt an Oll. Urr. Moireasdan gur e àm duilich a bha seo dhan eaglais agus, ged a tha amannan ann far am bithear a' faireachdainn brònach agus troimh-a-chèile, gum feumar cumail fa chomhair obair Chrìosda 's nach eil àite ann airson dì-mhisneachd.
"'S e mo dhòchas airson a' bhliadhna a th' air thoiseach, gum bi sinn ag amas air na rudan bunaiteach nur creideamh agus gum faighear dòighean ùra air a bhith a' brosnachadh 's a' toirt taic dha càch-a-chèile, airson 's gum bi cumhachd an Spioraid Naoimh a' toirt beartas dha muinntir na h-Alba agus daoine san fharsaingeachd."
Tha grunn mhinistearan is bhuill air an eaglais fhàgail thairis air na bliadhnaichean a chaidh seachad air sgàth seasamh na h-eaglaise air ministearan gèidh.
Eaglais Shaor Chlèireach
Rugadh an t-Oll. Urr. Moireasdan ann an Gleann Comhain ann an 1953.
Leis gun robh athair ag obair aig seirbheis Taighean-solais a' Chinn a Tuath, chaidh Aonghas gu sgoiltean anns an Òban, Stromness agus Dùn Èideann, mus deach e gu Oilthigh Ghlaschu.
Thòisich e na mhinistear san Eaglais Shaor Chlèireach ann an 1979.
Às dèidh ministrealachdan anns an Òban agus Dùn Èideann, ghluais e gu Eaglais na h-Alba, far an robh e na mhinistear aig Eaglais Chaluim Chille ann an Steòrnabhagh.
Tha e an-dràsta na mhinistear aig Eaglais Orwell agus Portmoak ann am Peairt.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Published
- 18 Am Màrt 2014