Iarrtas Sturgeon mun EU ga dhiùltadh

Nicola Sturgeon Image copyright PA
Image caption Thèid beachdan Nicola Sturgeon mu bhallrachd na Rìoghachd Aonaichte san t-Aonadh Eòrpach a thoirt dhan fhollais ann an òraid a bheir i seachad ann an Dùn Èideann.

Tha am Prìomhaire, Daibhidh Camshron, air iarrtas a dhiùtladh bho Leas-Phrìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, airson bhèato a thoirt do mhuinntir na h-Alba air an Rìoghachd Aonaichte a bhith fàgail an t-Aonadh Eòrpach.

Gheall Mgr Camshron referendum air a' cheist ann an 2017.

Tha Nicola Sturgeon ag ràdh gum biodh e cèarr dùthaich sam bith a thoirt a-mach às an AE an aghaidh an toil.

Òraidean

Thàinig an t-iarrtas seo bho Nicola Sturgeon agus i a' tòiseachdadh sreath de dh'òraidean mu na tha fainear don SNP agus do dh'Alba mus tòisich i na dreuchd ùr mar cheannard a' phàrtaidh ann an cola-deug.

Thèid a beachdan mu bhallrachd na Rìoghachd Aonaichte san t-Aonadh Eòrpach a thoirt dhan fhollais ann an òraid a bheir i seachad ann an Dùn Èideann oidhche Chiadain.

Chan eil Ms Sturgeon ag iarraidh gum fàg an RA an AE, 's chan eil i ag iarraidh gum biodh referendum ann air ballrachd sa bhuidheann nas mò.

Tha fios aice ge-tà, gu bheil Daibhidh Camshron am beachd referendum a chumail air a' chuspair ma bhuannaicheas am Pàrtaidh Tòraidheach ann an Taghadh Choitcheann na h-ath-bhliadhna.

Bile

Na h-òraid, canaidh i ris an luchd-èisteachd gum bu chòir bile a chur air beulaibh nan Cumantan às dèidh dhan Taghadh Choitcheann a bhith ann, mu bhallrachd an RA sa AE.

Image copyright Getty Images
Image caption Thuirt Daibhidh Camshron nach bi ann ach aon referendum air ballrachd na RA san AE, 's gun tachair sin ma shoirbhicheas leis na Tòraidhean ann an Taghadh Choitcheann na h-ath-bhliadhna.

Canaidh i gun cuireadh an SNP atharrachadh ris a' bhile sin air adhart, ag ràdh gum feumadh gach dùthaich taobh a-staigh na Rìoghachd Aonaichte bhòtadh airson ballrachd an Aonaidh Eòrpaich a leigeil seachad, mus faodadh an Rìoghachd Aonaichte an ceum sin a ghabhail.

Mhìnich i dhan BhBC na bu tràithe dè a tha i ag iarraidh: "Chan e stàit aonadach a th' anns an RA, 's e a th' ann ach teaghlach de cheithir dùthchannan.

"Chaidh innse dhuinn aig àm an referendum gun robh gach dùthaich co-ionann, gun robh ar guthan a' cunntadh.

"Ma tha sin fìor, agus leis gun toireadh e buaidh air obraichean, air an eaconamaidh agus air ar seasamh san t-saoghal air fad, saoilidh mi gum biodh e ceart gun deadh cead iarraidh, chan ann a-mhàin air an RA gu h-iomlan, ach air an teaghlach de dhùthchannan sin."

'Aon referendum'

Ach a' bruidhinn aig Ceistean a' Phrìomhaire anns na Cumantan, thuirt Daibhidh Camshron nach bi ann ach aon referendum air ballrachd na RA san AE, 's gun tachair sin ma shoirbhicheas leis na Tòraidhean ann an Taghadh Choitcheann na h-ath-bhliadhna.

"'S e aon Rìoghachd Aonaichte a th' annainn. 'S e aon referendum a-mhàin a bhios ann agus thèid buil sin a dhearbhadh leis a' mhòr-chuid a bhòtas ann. 'S ann mar sin a bu chòir na riaghailtean obrachadh," thuirt Mgr Camshron.

Bidh cuspair an referendum gu mòr air aire nam pàrtaidhean poileataigeach sna mìosan a tha romhainn.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile