Dùil gun nochd Jim Murphy mar thagraiche

Jim Murphy
Image caption Fathannan a' dol gun seas Jim Murphy airson a bhith na cheannard air Pàrtaidh Làbarach na h-Alba.

Tha beachd làidir ann gum foillsich Jim Murphy, Diciadain no Diardaoin, gun seas e airson a bhith na cheannard air Pàrtaidh Làbarach na h-Alba.

Gu ruige seo, chan eil ach aon neach air a h-ainm a chur air adhart airson a dhol an àite Johann NicLaomainn, a leig dhith a dreuchd an t-seachdain seo chaidh.

Bha fathannan làidir a' dol aig Westminster oidhche Mhàirt gun robh Rùnaire Dùbhlanach an Leasachaidh Eadar-nàiseanta, Jim Murphy, air co-dhùnadh ainm a chur air adhart mar thagraiche.

Taghadh

Tha e air a thuigsinn gun do chur Mgr Murphy seachad an là a' sireadh bheachdan bho a' cho-obraichean anns a' phàrtaidh air na cothroman aige, agus tha feadhainn a tha faisg air a' Bhall-Pàrlamaid airson Siorrachd Roinn Friù an Ear ag ràdh gum bi taghadh ann airson ceannas nan Làbarach ann an Alba.

Thuige seo chan eil ach Sarah Boyack, a tha na ball-liosta airson sgìre Lodainn, air innse gu poblach gu bheil i a' dol a sheasamh airson na dreuchd.

Tha beachd ann ge-tà, gum faodadh ball-liosta eile, Niall Findlay, bho làimh chlì a' phartaidh, ainm a chur air adhart ron cheann-ùine Dimàirt seo tighinn.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile