Cathraiche air a dhreuchd fhàgail

Ùghdarras Port Steòrnabhaigh
Image caption Aig coinneamh oidhche Mhàirt, leig Aonghas Mac a' Ghobhainn dheth a dhreuchd airson maith an Ùghdarrais.

Tha Cathraiche Ùghdarras Port Steòrnabhaigh air a dhreuchd fhàgail agus coltas ann nach robh e air a bhith a' cumail ri riaghailtean na buidhne.

Aig coinneamh shònraichte de Bhòrd Ùghdarras Port Steòrnabhaigh Dihaoine seo chaidh, thàinig e am follais gun robh an Caiptean Aonghas Mac a' Ghobhainn - a th' air a bhith na chathraiche aca fad ceithir bliadhna gu leth - air riaghailtean a bhriseadh.

A rèir coltais, chaidh ceistean a thogail bho chionn ghoirid mu chùmhnantan obrach an Ùghdarrais.

Aig coinneamh shònraichte eile, a chaidh a chumail oidhche Mhàirt, thabhann an Caiptean Mac a' Ghobhainn a dhreuchd a leigeil dheth airson maith an Ùghdarrais agus ghabh am Bòrd-stiùiridh ris an seo.

Co-cheangailte ris a' chùis, thuirt an t-Ùghdarras gu bheil iad airson dèanamh soilleir nach d' fhuair iad tairgse sam bith thuca bho einnsinear ionadail, nach deach cùmhnant a thoirt seachad, agus nach tàinig buannachd ionmhasail no eile thuca ri linn an t-suidheachaidh.

Thug am Bòrd taing dha Mgr Mac a' Ghobhainn airson na h-obrach e rinn às leth an Ùghdarrais.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile