Dithis mhurtairean a' dèanamh ath-thagraidh
- Published
Tha dùil gun nochd dithis a fhuaireadh ciontach airson murt an deugaire Liam Aitchison ann an Cùirt nan Ath-Thagraidhean ann an Dùn Èideann Diciadain.
Aig toiseach an Ògmhios an-uiridh, chaidh Ionatan MacFhionghain agus Stefan Millar fhaighinn ciontach den mhurt ann an 2011.
Mìos an dèidh sin, chaidh binn prìosan 18 bliadhna a chur air an dithis.
Ath-thagradh
Tha dùil gun nochd an dithis ann an Cùirt nan Ath-Thagraidhean ann an Dùn Èideann Diciadain, 's iad air ath-thagradh a chur a-steach an aghaidh an dìtidh.
Bha an dithis a' dol às àicheadh nan casaidean gun do mhurt iad Liam nuair a shuidh a' chùis-mhuirt san Àrd-Chùirt ann an Glaschu.
Chuala a' chùirt an-uiridh gun deach 20 lotan sgeine a lorg air corp Liam, agus gun deach a dhochann gu dona mu a cheann.
Chaidh an corp aige a lorg ann an togalach falamh ann an Stèinis, air iomall Steòrnabhaigh ann an Leòdhas.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Published
- 28 An t-Ògmhios 2013