Iarrtas ùr air aiseag Mhalaig - Loch Baghasdail

MV Loch Seaforth
Image caption Le bàtaichean ùra gan togail do ChalMac, tha iarrtas ùr air nochdadh tè den fheadhainn a th' ann mar-thà a chur eadar Malaig is Loch Baghasdail.

Chaidh iarrtas às ùr gu Riaghaltas na h-Alba airson aiseag a stèidheachadh eadar Loch Baghasdail agus Malaig.

Tha muinntir Uibhist a Deas air a bhith a' strì airson na seirbheis bho chionn faisg air 20 bliadhna.

Ged a tha seirbheis phìleat a' dol an-dràsta tro mhìosan a' Gheamhraidh, chan eil i a' seòladh ach dà là san t-seachdain.

Thuirt fear de chomhairlichean na sgìre, Raghall MacFhionghain, gu bheil cothrom air leth ann a-nise seirbheis cheart a stèidheachadh, leis gu bheil aiseagan ùra san amharc do chabhlach Chaledonian Mhic a' Bhriuthainn.

Bàtaichean

A bharrachd air an aiseig ùr a bhios a' tòiseachadh an-ceartuair air an t-slighe eadar Ulapul is Steòrnabhagh, dh'innis Riaghaltas na h-Alba o chionn ghoirid gun tèid bàtaichean ùra a thogail do shlighe an Eilein Sgitheanaich, Uibhist a Tuath is na Hearadh agus do dh'Eilean Arainn.

Thathas an dùil gum bi na bàtaichean ùra deiseil ann an 2017 is 2018.

Thèid aiseag hybrid ùr do ChalMac a thogail cuideachd aig Gàrradh MhicFheargais.

A rèir Raghnaill MacFhionghain, chan eil adhbhar ann a-nise gun seirbheis a stèidheachadh eadar Loch Baghasdail agus Malaig.

"Airgead"

"An toiseach bha iad ag ràdh nach robh airgead ann agus an uair sin shioft iad bhon airgead, ag ràdh nach robh bàta aca.

"Tha fios a-nise, nuair a thathar a' togail bhàtaichean, gum bi bàtaichean a chòrr aca.

"Shaoilinn gun coimheadadh iad air a' choimhearsnachd a tha seo agus gun toireadh iad dhuinn bàta - an rud a tha sinn air a bhith ag iarraidh airson tòrr bhliadhnaichean a-nise," thuirt e.

Dhearbh Mgr MacFhionghain gu bheil e air a' ghnothach a thogail le Ministear na Còmhdail, Cè MacIlleDhuinn, 's e a' sireadh gealltanas gun tèid bàta a chomharrachadh do Mhalaig - Loch Baghasdail.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile