Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

29 An Dàmhair 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Sturgeon

Tha Leas-Phrìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, ag ràdh nach bu chòir do Bhreatainn an t-Aonadh Eòrpach fhàgail gun chead nan ceithir dùthchannan a tha san Rìoghachd Aonaichte. Gheall Daibhidh Camshron referendum air a' cheist ann an 2017. Tha Ms Sturgeon ag ràdh nach bi an bhòt sin seasmhach mura cuir mòr-chuid anns gach dùthaich - Sasainn, Alba, a' Chuimrigh agus Èirinn a Tuath - an taic ris.

Murphy

Tha fathannan ann an Westminster gun innis Jim Murphy an-diugh neo a-màireach gum bi esan a' seasamh airson a bhith na cheannard air Pàrtaidh Làbarach na h-Alba. 'S i Sarah Boyack a' chiad thagraiche a thàinig air adhart an-dè.

In-imrich

Thuirt Oifis na Dùthcha gu bheil iad a' dèanamh adhartas a dh'aindeoin aithisg a tha a' càineadh dàil ann an dèiligeadh ri feadhainn a tha ag iarraidh cead air fuireach ann am Breatainn. Thuirt Comataidh nan Cunntasan Poblach ann an Taigh nan Cumantan gu bheil 30,000 duine a' feitheamh ri fios, a' dol air ais cho fada ri seachd bliadhna. Tha an aithisg ag ràdh gun deach £1bn a chosg air siostam IT nach eil gu mòran feum.

Sri Lanka

Tha mu 250 duine a dhìth an dèidh maoim-slèibhe mhòr ann an meadhan Sri Lanka. Tha dearbhadh ann gun deach mu dheichnear a mharbhadh an dèidh uisge fìor throm bho chionn làithean.

Ebola

Tha Comataidh na h-Èiginn Eadar-Nàiseanta a' cur iomairt air bhonn airson airgead a thogail do dh'fheadhainn a tha a' fulang leis a' ghalair Ebola air taobh siar Afraga. Seo a' chiad uair riamh a chaidh a' chomataidh an sàs ann an cobhair mu choinneimh buaidh galair.

Aiseag

Tha muinntir Uibhist a Deas ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba beachdachadh a-rithist air seirbheis aiseig a chur eadar Loch Baghasdail is Malaig. Thèid dà bhàta ùr a thogail do Chaledonian Mac a' Bhriuthainn a dh'aithghearr, agus tha muinntir Uibhist ag ràdh gum fàgadh sin bàtaichean an còrr a ghabhadh cuir air an t-seirbheis ùr.