Iomain Cholmcille an Glaschu

Iomain / Iománaíocht. Image copyright Neil G Paterson / Iomain Cholmcille
Image caption Tha na h-Albannaich agus na h-Èireannaich a' deasachadh airson a dhol an aghaidh a chèile a-rithist.

Thig Iomain Cholmcille, an fharpais iomain airson luchd-labhairt na Gàidhlig agus Gaeilge, a Ghlaschu airson a' chiad turas san t-Samhain.

Chaidh an fharpais a stèidheachadh ann an 2007, 's tha i air a dhol bho neart gu neart bhon uair sin agus cluicheadaran bho gach taobh de Shruth na Maoile air cothrom fhaighinn feuchainn air Iomain - Iománaíocht.

Thathas ga mheas cuideachd mar chothrom air leth gus an fheadhainn a tha a' bruidhinn Gàidhlig is Gaeilge a thoirt còmhla agus an cànan a chleachdadh air a' phàirc, agus timcheall air a' gheama.

Thig atharrachadh air a' ghothach gu ìre am-bliadhna, leis nach bi sgioba Mícheál Breathnach, a tha air taic mhòr a chur ris an fharpais thar nam bliadhnaichean, a' farpais.

'S e Mícheál Breathnach a bhuannaich Iomain Cholmcille an-uiridh.

Fir Ulaidh

Tillidh Fir Ulaidh ge-tà airson an treas bliadhna ann an sreath agus 's iad a bhios a' riochdachadh na h-Èireann.

A bharrachd air a' gheama mhòr eadar Alba is Fir Ulaidh, bidh sgiobaidhean de sgoilearan ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a' cluich ro-làimhe ann an co-fharpais òigridh.

Leanaidh gnothaichean às dèidh làimhe le cùirm shònraichte aig Talla Baile Chnoc Màiri, agus an uair sin cèilidh a bhios fosgailte dhan phoball le Fergie Dòmhnallach a' cluich.

"Chan eil mòran thachartasan den leithid ann far a bheil prìomhachas aig cànan," thuirt co-òrdanaiche Iomain Cholmcille, Eòghan Stiùbhart.

"Tha na cluicheadairean o gach dùthaich a' toirt mòran misneachd bho bhith a' trèanadh agus a' cluiche còmhla tro mheadhan a' chànain aca fhèin.

Neartachadh

"Tha na ceanglaichean am measg nan Gàidheal, ma tha iad san aon dùthaich air neo o dhùthaich fa leth, gan neartachadh gu mòr tron tachartas seo," thuirt e.

Bidh geamaichean na h-òigridh eadar 11m is 1f, 's an geama mòr aig 1.30f.

Bidh stiùir mhath aig na h-Albannaich agus Aonghas Dòmhnallach às an Eilean Sgitheanach na mhanaidsear air a' bhuidhinn am-bliadhna.

Tha eòlas gu leòr aig Aonghas air a' gheama, 's e cuideachd na phàirt de sgioba-choidsidh an Eilein, a tha air soirbheachadh cho math anns na mìosan a chaidh.

'S ann air an 8mh là den t-Samhain a bhios an fharpais aig Pàirc Loch Innse air Ceann a Deas Ghlaschu, 's bidh na sgiobaidhean aig gach taobh mar a leanas:

ALBA

Sean MacLeòid, Pàdraig Mac na Ceàrdaich, Alasdair MacLaomainn, Innes MacLaomainn (Camanachd Leòdhais), Alex Dunnings (Camanachd an Òbain) Dòmhnall Niall MacLeòid (Both Fhleisginn), Coinneach Caimbeul (Tatha For), Alasdair Fearghastan, Greum MacIlleDhuibh (Oilthigh Obar Dheathain/Uibhist), Marc Friseal (Oilthigh Obar Dheathain), Gilleasbuig MacDhòmhnaill, Dàibhidh MacAonghais, Iain Aonghas MacAonghais, Alasdair "Spod" MacLeòid, Iain "Spod" MacLeòid, Alasdair "Dig" MacDhòmhnaill, Dàibhidh Grannd (Camanchd an Eilein Sgitheanaich), Crisdean MacFhionnlaigh (Loch Carrann), Iain MacNeacail (Lòbhat)

ÈIRINN (Fir Ulaidh)

Joe Ó Dochartaigh (Sleacht Néill), Pádraig Ó Tiarnaigh (Eoghan Rua), Malachaí Ó hÁgáin (An Suaitreach), Cathaoir Ó Caiside (Sleacht Néill), Joe Ó Lochlainn (Sleacht Néill), Liam Óg Ó Flannagáin (Sleacht Néill), Ainle Ó Cairealláin (Na Piarsaigh), Éanna Ó Caiside (Sleacht Néill), Colm Duffin (Tír na nÓg), Seán Ó Coáin (Naomh Gall), Aodhán Nutley (Craobh Rua Camlocha), Brian Mac an tSionnaigh (An Cairdinéal Ó Dónaill), Éamonn Mac Lochlainn (Seamróga Bhéal Feirste), Frankie Ó Ceallaigh (Sleacht Néill), Oisín Mac an Bhiocáire (Ó Donnabháin Rosa), Naoise Ó Cairealláin (Naomh Pól), Caoimhín Ó Daimhín (Clann na nGael), Déaglán Ó Laithbheartaigh (Leamhaigh), Conchúr Ó Muirí (Baile na Scríne), Pádraig Ó Mianáin (Eoghan Rua), Damian Ó Néill (Naomh Colum Cille)

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile