Ath-thagraidhean gan diùltadh

Stefan Millar agus Ionatan MacFhionghain Image copyright BBC Alba
Image caption Nochd an dithis ann an Cùirt nan Ath-Thagraidhean Diciadain

Chaidh ath-thagradh dithis fhireannach a fhuaireadh ciontach airson murt an deugaire Liam Aitchison a dhiùltadh aig Cùirt nan Ath-Thagraidhean ann an Dùn Eideann Diciadain.

Aig toiseach an Ògmhios an-uiridh, chaidh Ionatan MacFhionghain agus Stefan Millar fhaighinn ciontach den mhurt ann an 2011.

Mìos an dèidh sin, chaidh binn beatha prìosain a chur orra, 's aca ri co-dhiù 18 bliadhna a chur seachad sa phrìosan mus deadh cead-saoraidh iarraidh.

Ath-thagradh

Nochd an dithis ann an Cùirt nan Ath-Thagraidhean Diciadain, 's iad air ath-thagradh a chur a-steach an aghaidh an dìtidh.

Bha an dithis a' dol às àicheadh nan casaidean gun do mhurt iad Liam nuair a shuidh a' chùis-mhuirt san Àrd-Chùirt ann an Glaschu.

Chuala a' chùirt an-uiridh gun robh 20 lotan sgeine air corp Liam, agus gun deach a dhochann gu dona mu a cheann.

Chaidh an corp aige a lorg ann an togalach falamh ann an Stèinis, air iomall Steòrnabhaigh ann an Leòdhas.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile