Niall Findlay BPA a' seasamh mar thagraiche

Niall Findlay BPA
Image caption Bha Mgr Findlay roimhe air iarraidh gun seasadh an t-seann Phrìomhaire, Gòrdan Brown, airson na dreuchd.

Tha am Ball-Pàrlamaid Albannach airson sgìre Lodainn, Niall Findlay, air innse gun seas e airson ceannas a' Phartaidh Làbaraich an Alba.

Thuirt fear-labhairt slàinte nan Làbarach aig Holyrood gu bheil e na amas dha am pàrtaidh a tharraing còmhla a-rithist gus obrachadh a dh'ionnsaigh cothromachd agus soirbheachas do mhuinntir na h-Alba.

'S i Sarah Boyack, ball eile airson sgìre Lodainn ann am Pàrlamaid na h-Alba, a' chiad thagraiche a thàinig air adhart Dimàirt.

Tha seo a' tighinn às dèidh do cheannard Albannach a' phàrtaidh, Johann NicLaomainn, a dreuchd fhàgail aig deireadh na seachdain seo chaidh.

Fathannan

Aig a cheart àm, tha e air aithris gum foillsich Jim Murphy, taobh a-staigh dà là, gun seas esan airson a bhith na cheannard air a' phartaidh cuideachd.

Bha fathannan làidir a' dol aig Westminster oidhche Mhàirt gun robh Mgr Murphy, Rùnaire Dùbhlanach an Leasachaidh Eadar-nàiseanta, air co-dhùnadh ainm a chur air adhart mar thagraiche.

Image copyright Jon Davey Photography
Image caption 'S i Sarah Boyack a' chiad thagraiche a thàinig air adhart Dimàirt.

Faodaidh buill a' phàrtaidh an ainmeannan a chur air adhart mar thagraichean gu h-oifigeil bho Dhihaoine seo tighinn.

Na bu tràithe air an t-seachdain, bha Niall Findlay air a ràdh gun robh esan a' cur taic ri Gòrdan Brown mar cheannard.

On uair sin ge-tà, tha an t-seann Phrìomhaire air innse nach bi e a' seasamh airson ceannas a' phàrtaidh, ag ràdh gun do chur e cùl ri poileataigs làitheil o chionn ceithir bliadhna.

'Làn thaic'

Thuirt Mgr Findlay gun d' fhuair e fìor làn thaic bho dhaoine taobh a-staigh a' phàrtaidh - gach cuid ann an Alba agus san RA.

"Chan e dìomhaireachd a th' ann gun robh mi ag iarraidh gun seasadh Gòrdan Brown, ach leis gu bheil Gòrdan air innse nach bi, tha mi a-nis den bheachd gum feum deasbad farsaing a bhith againn mun t-slighe air adhart airson a' Phàrtaidh Làbaraich, ach nas cudromaiche buileach - dhan dùthaich.

"Tha mi airson am Pàrtaidh Làbarach a tharraing còmhla a-rithist gus obrachadh a dh'ionnsaigh cothromachd agus soirbheachas do mhuinntir na h-Alba.

"Ma thèid mo thaghadh mar cheannard a' phàrtaidh, cuiridh mi ceartas sòisealta aig cridhe gach nì anns an tèid sinn an sàs - gu h-eachdraidheil, b' e sin rùn a' Phàrtaidh Làbaraich an Alba."

'Eòlas'

Aig a' cheart àm, thuirt neach-dùbhlain Mhgr Findlay, Sarah Boyack, gun robh an t-eòlas aice am pàrtaidh a stiùireadh.

Bha Ms Boyack roimhe na ministear ann an Riaghaltas na h-Alba, 's bidh i an-dràsta a' bruidhinn às leth nan Làbarach air cùisean nan ùghdarrasan ionadail.

"Tha an fharpais ceannardais a' toirt dhuinn an cothrom deasbad ciamar a bu chòir am pàrtaidh a ghluasad air adhart.

"A thuilleadh air an fheadhainn a bhiodh a' cur taic rinn gu traidiseanta a ruigsinn, feumaidh sinn co-bhanntachd a thogail gus dèiligeadh ri ana-cheartas shòisealta is àrainneachdail, agus eaconamaidh nas cothromaiche 's nas soirbheachail a chruthachadh airson maith nan daoine.

"Ghluais an referendum daoine gus ùidh a ghabhail san deasbad mu ar n-àm ri teachd agus feumaidh sinne togail air an sin," thuirt i.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile