Buaireadh mu ghearraidhean buidseat

Comhairle na Gàidhealtachd
Image caption Dh'fhaodadh gum feum Comhairle na Gàidhealtachd 1,000 cosnadh a ghearradh, 's iad air leigeil fhaicinn gum feum iad £64m a shàbhaladh anns na ceithir bliadhnaichean a tha romhainn.

Tha buaireadh poileataigeach air èirigh mu na gearraidhean a tha Còmhairle na Gàidhealtachd a' moladh airson toll de chòrr air £60m sa bhuidseat aca a' lìonadh.

Tha a' bhuidheann dùbhlain air a' Chomhairle a' fagail air a' bhuidheann riaghlaidh gu bheil iad a' cur cus cabhag sa chùis, 's nach eil am pàipear co-chomhairleachaidh a dh'fhoillsich iad a' toirt dealbh soilleir gu leòr do dhaoine mu na tha san amharc.

Tha a' bhuidheann riaghlaidh a' dol às àicheadh sin.

Dh'fhaodadh gum feum Comhairle na Gàidhealtachd 1,000 cosnadh a ghearradh, 's iad air leigeil fhaicinn gum feum iad £64m a shàbhaladh anns na ceithir bliadhnaichean a tha romhainn.

Thigeadh còrr air £15m de na gearraidhean anns a' chiad bliadhna.

Seirbheisean

Am measg eile, tha iad a' coimhead air uairean sgoile a ghearradh do chlann eadar prìomh a ceithir agus prìomh a seachd.

Dheadh cosgaisean parcaidh suas fo na molaidhean, agus dh'fheumadh daoine barrachd a phàigheadh airson tiodhlacaidhean. Tha moladh ann cuideachd cìs a chur air luchd-turais a th' ann an taighean-òsta is eile.

Chan eil annta aig an ìre seo ach molaidhean agus tha co-chomhairleachadh a' leantainn, ach tha buidheann dùbhlain na Comhairle gu math teagmhach mu cho luath 's a tha a' chùis a' tachairt.

Tha iad ag ràdh nach eil oifigich air cothrom gu leòr fhaighinn beachdachadh air dòighean eile air airgead a chùmhnadh, seach dìreach seirbheisean a ghearradh.

Thuirt ceannard na buidhne, an Comh. Carolyn Wilson: "Tha mi a' smaoineachadh gu bheil seo ga dhèanamh ann an cus cabhag. Cha leig a' Chomhairle a leas ach buidseat airson aon bhliadhna fhoillseachadh sa Ghearran. Dh'fhaodar an uair sin ùine a chur seachad a' coimhead air gearraidhean airson an ath thrì bliadhna.

"Cha thuig mi carson a bhiodh cabhag ann buidseat ceithir bliadhna fhoillseachadh aig an ìre seo."

Mì-chinnt

Ach, tha ceannard buidseit na Comhairle, an Comh. Maxine Nic a' Ghobhainn, a' dol às àicheadh gu bheil iad a' dèanamh rudan ann an cabhag, 's ise ag ràdh gu bheil e a' cur às do mhì-chìnnt a bhith a' cur cùisean air adhart aig ìre thràth.

Thuirt i gu bheil e duilich plana a chur air chois airson an àm ri teachd nuair nach eil stèidhichte ach buidseat aon bhliadhna.

Tha ceist air a' bhuidheann dùbhlain cuideachd mun cho-chomhairleachadh fhèin.

"Nam biodh na ceistean nas soilleire, agus nam biodh buil nam freagairtean nas follaisiche, gheibheadh tu diofar fhreagairtean.

"Chan eil na molaidhean air fad sa cho-choimhearlachadh nas mò - tha suas ri 40 duilleag de ghearraidhean buidseit sa phàipeir - chan eil guth air an ìre sin de ghearraidhean sna th' air ar beulaibh an-diugh," thuirt an Comh. Wilson.

Ach, tha Maxine Nic a' Ghobhainn ag ràdh gu bheil cothrom ann cùisean atharrachadh.

Co-chomhairleachadh

"Tha sinn air a bhith onarach le daoine; tha sinn air a ràdh gum feum sinn mòran dhen seo a dhèanamh, ach gu bheil sinn airson cluinntinn mun bhuaidh a bheireadh na molaidhean oirbhse gu pearsanta, air ar teaghlaichean agus air ar coimhearsnachdan.

"Cha tuirt sinn, a bheil sibh airson 's gun tachair seo oir, gu follaiseach, feumaidh sinn mòr-chuid dhe a dhèanamh, ach tha sinn airson cluinntinn mun bhuaidh.

"Ma tha rud a' dol a thoirt buaidh mhòr air mòran dhaoine, 's dòcha gur e sin fear de na molaidhean nach tèid a choileanadh."

Tha gu meadhan na h-ath-mhìos aig daoine am beachdan a chur an cèill.

Faodar a dhèanamh tro làrach-lìn na Comhairle.

Bidh coinneamh aig a' Chomhairle mun chùis anns an Dùbhlachd.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile