Camara
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Camarathan ùra gan cur gu dol

30 An Dàmhair 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha na camarathan astair coitcheann air a bhith an-àirde air an A9 airson greis a-nis, ach b' ann Diluain a chaidh an cuir a dhol airson a' chiad uair.

Tha 27 camara ann eadar Inbhir Nis agus Dùn Blathain uile gu lèir.

Cuideachd, air aon aon là, thòisich sgeama pìleat a tha a' leigeil le làraidhean mòra siubhail aig 50 mìle san uair, seach 40 mìle san uair.

Ach, mar a tha Eilean Green ag aithris, chan ann gun chonnspaid a chaidh an dà sgeama a chur an sàs.