Jim Murphy BP a' seasamh san taghadh

Jim Murphy BP
Image caption Tha Jim Murphy air ainm a chur air adhart airson dreuchd cheannard nan Làbarach ann an Alba.

Dhearbh Jim Murphy, am ball-pàrlamaid airson Siorrachd Rinn Friù an Ear, gun seas e airson ceannas a' Phartaidh Làbaraich ann an Alba.

'S e an treas thagraiche a th' air ainm a chur air adhart, le Sarah Boyack agus Niall Findlay mar-thà air innse gun seas iad.

Eu-coltach ris an dithis eile, tha Jim Murphy na bhall-pàrlamaid aig Westminster, seach Holyrood.

Dh'innis Mgr Murphy dhan BhBC gu bheil e a' sireadh "toiseach-tòiseachaidh ùr do dh'Alba agus dhan Phàrtaidh Làbarach".

Thuirt e cuideachd gu bheil e ag amas air aonachd ann an Alba agus ann am Pàrtaidh Làbarach na h-Alba.

Bidh ceannard a' phàrtaidh slàn, Ed Miliband, ann an Alba Diardaoin airson a' chiad turas bho dh'fhàg Johann NicLaomainn a dreuchd an t-seachdain seo chaidh.

Image copyright PA
Image caption Tha Johann NicLaomainn air a bhith na ceannard air a' phàrtaidh ann an Alba on Dùbhlachd 2011.

Bheachdaich Ms NicLaomainn gun robh buill a' phàrtaidh ann an Lunnainn a' gabhail cus gnothaich ri cùisean Albannach, 's i cuideachd a' cumail a-mach gun robhar a' dèiligeadh ri Pàrtaidh Làbarach na h-Alba mar "mheur Albannach" den phàrtaidh.

Tha Mgr Murphy a' cumail a-mach nach leig esan le duine a bhith a' maoidheadh air, 's gum biodh e glè dheònach cuir às do dh'oifigich pàrtaidh ann an Alba.

Aithnichte

'S e Jim Murphy, Rùnaire Dùbhlanach an Leasachaidh Eadar-nàiseanta, an tagraiche as aithnichte a th' air ainm a chur air adhart airson dreuchd cheannard a' phàrtaidh.

Bha e na rùnaire air Alba san riaghaltas aig Gòrdan Brown, agus bha e gu mòr an sàs anns an iomairt aig Nas Fheàrr Còmhla ron referendum air neo-eisimeileachd do dh'Alba.

Tha gearain air nochdadh mar-thà gum biodh e doirbh do dh'fhear a tha na bhall-pàrlamaid aig Westminster pàrtaidh a threòrachadh ann am Pàrlamaid na h-Alba agus ceann a' mhaide a chumail ris an SNP.

Tha Mgr Murphy cuideachd air làimh dheis a' phàrtaidh.

Image caption Thuirt Niall Findlay gun d' fhuair e fìor làn thaic bho dhaoine taobh a-staigh a' phàrtaidh - gach cuid ann an Alba agus san RA.

Tha na tagraichean eile a th' air an ainmean a chur air adhart ag ràdh gum feum Làbaraich na h-Alba gluasad chun a làimh chlì gus na seann bhòtairean fhaighinn air ais.

Ann an agallamh airson a' phàipear-naidheachd, an Daily Record, thuirt Mgr Murphy gu bheil e airson stad a chur air Pàrtaidh Làbarach na h-Alba a bhith a' dèanamh cron orra fhèin.

Tha e cuideachd air a thuigsinn gun seas e mar thagraiche airson Pàrlamaid na h-Alba anns an taghadh ann an 2016, aig a' char as fhaide.

Tagraichean

Na bu tràithe air an là, dh'innis am Ball-Pàrlamaid Albannach airson sgìre Lodainn, Niall Findlay, gun seasadh esan airson ceannas a' phartaidh.

Image copyright Jon Davey Photography
Image caption B' i Sarah Boyack, ball eile airson sgìre Lodainn ann am Pàrlamaid na h-Alba, a' chiad thagraiche a thàinig air adhart Dimàirt.

Thuirt fear-labhairt slàinte nan Làbarach aig Holyrood gu bheil e na amas dha am pàrtaidh a tharraing còmhla a-rithist gus obrachadh a dh'ionnsaigh cothromachd agus soirbheachas do mhuinntir na h-Alba.

B' i Sarah Boyack, ball eile airson sgìre Lodainn ann am Pàrlamaid na h-Alba, a' chiad thagraiche a thàinig air adhart Dimàirt.

Na bu tràithe air an t-seachdain, bha Niall Findlay air a ràdh gun robh esan a' cur taic ri Gòrdan Brown mar cheannard.

On uair sin ge-tà, tha an t-seann Phrìomhaire air innse nach bi e a' seasamh airson ceannas a' phàrtaidh, ag ràdh gun do chur e cùl ri poileataigs làitheil o chionn ceithir bliadhna.

Faodaidh buill a' phàrtaidh an ainmeannan a chur air adhart mar thagraichean gu h-oifigeil bho Dhihaoine seo tighinn.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile