Dòchas mu Sgeama nan Taighean Croite
- Published
Dh'fhaodadh gun tèid luach nan grantaichean airson taighean cròite a thogail a chur an-àirde.
Tha Riaghaltas na h-Alba a' toirt sùil às ùr air Sgeama nan Taighean Croite às dèidh mòran ghearanan a bhith ann mun àireamh thagraichean a bha gan diùltadh leis an sgeama.
Tha dùil gun nochd molaidhean an riaghaltais ro dheireadh na bliadhna.
Tha iad cuideachd air a ràdh, ge-tà, gum biodh àrdachadh sam bith a rèir suidheachadh ionmhais na dùthcha.
Le Sgeama nan Taighean Croite, gheibh daoine grant suas gu £22,000 airson dachaigh ùr a thogail, no leasachaidhean a dhèanamh air seann taigh.
Tha an ìre diofraichte a rèir an sgìre anns a bheil thu, le suas ri £22,000 ri fhaighinn aig a' char as-àirde.
Cosgaisean togail
Ach, tha cuid air gearan nach eil sin gun leòr san là a th' ann agus cosgaisean togail air sìor dhol am meud.
Tha oifigearan riaghaltais air a bhith a' toirt sùil às ùr air an sgeama agus tha dùil aca molaidhean ùr fhoillseachadh ro dheireadh na bliadhna.
Thuirt fear-labhairt gu bheilear mothachail mar a tha cosgaisean air sìor èirigh agus, leis an sin, gun dèan ministearan an dìcheall airson dèanamh cinnteach gun tig àrdachadh airgid a chur ris an sgeama.
Ach, thuirt e cuideachd gum feumar cuimhneachadh gu bheil cuideam mòr air an sporran phoblach.
Thuirt am BPA Jamie MacGriogair, Cathraiche Comataidh Thar-phàrtaidh air Croitearachd ann am Pàrlamaid na h-Alba, gu bheil e an dòchas gun gluais an Riaghaltas air an seo cho luath 's a ghabhas airson buannachd a thoirt dha croitearan agus na coimhearsnachdan gam buin iad.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Published
- 15 An t-Sultain 2014
- Published
- 6 An Cèitean 2013