Feum air bàta-slaodaidh "gun dàil"

Bàta-slaodaidh
Image caption Chaidh am bàta-slaodaidh a bha stèidhichte air a' chosta an iar a tharraing ann an 2012.

Nì Comhairle na Gàidhealtachd tagradh às ùr do Riaghaltas Westminster gus dìon a bharrachd a chur air uisgeachan is costaichean na sgìre.

Bha a' Chomhairle am measg bhuidhnean a thog draghan nas tràithe san Dàmhair, nuair a chaidh bàta a bha a' giùlain sgudail rèidio-beò na theine ann an Linne Mhoireibh.

Chaidh an MV Parida mu dheireadh thall a shlaodadh gu Port Linne Chrombaigh.

Thog ceannard na Comhairle, Drew Hendry, na draghan a th' air mun t-suidheachadh aig Co-Chruinneachadh na Gàidhealtachd 's nan Eilean an t-seachdain seo.

Tha e a-nise air taic iarraidh bho làn-Chomhairle na Gàidhealtachd is buidhnean a tha ag obair còmhla riutha, cho math ri na comhairlean eileanach, gus uallach a chur air Westminster bàta-slaodaidh a thilleadh dhan chosta an iar.

Chaidh am bàta a bh' ann a tharraing ann an 2012 mar phàirt de ghearraidhean an Riaghaltais.

"Gun dàil"

Dh'iarr Mgr Hendry gun tèid bàta-slaodaidh a thilleadh "gun dàil", agus gun geall an Riaghaltas an cùmhnant a th' ann airson a' bhàta-slaodaidh a tha stèidhichte ann an Arcaibh a leudachadh.

"Tha na tha air tachairt bho chionn ghoirid air an argamaid againn a neartachadh, agus air sealltainn cho riatanach 's a tha e gun dèilig sinn ris a' cheist a tha seo," thuirt Mgr Hendry.

"Bidh suidheachaidhean mar a thachair ris an MV Parida a' nochdadh, a' cur beatha dhaoine aig muir ann an cunnart, ach cuideachd a' cur nan coimhearsnachdan againn air a' chosta ann an cunnart gun adhbhar.

"Tha e riatanach gun tèid dèiligeadh ris a' cheist seo san aithghearrachd," thuirt e.

Dh'aontaich Comhairle na Gàidhealtachd gun cuir iad ìmpidh air Riaghaltas Westminster agus gun tèid aithisg a chur air beulaibh na h-ath-choinneamh de Chomataidh nan Seirbheisean Coimhearsnachd.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile