Àrdachadh air Cìs na Comhairle ga dheasbad

Comhairle na Gàidhealtachd
Image caption Cha tàinig àrdachadh air a' Chìs Chomhairle an Alba bho 2007.

Tha ceannard buidseit Chomhairle na Gàidhealtachd ag ràdh gum faodadh a' Chìs Chomhairle èirigh an ath-bhliadhna.

Bha i a' bruidhinn agus Comhairle na Gàidhealtachd ag amas air còrr is £60m de ghearraidhean eadar seo agus 2019.

Tha a' Chìs Chomhairle gun atharrachadh bho chionn bhliadhnaichean, ach tha aonta le COSLA a' tighinn gu ceann ann an 2015.

Cha tàinig àrdachadh air a' Chìs Chomhairle an Alba airson seachd bliadhna - bho 2007.

Tha na Comhairlean a' faighinn tabhartas bho Riaghaltas na h-Alba airson an cuideachadh len cuid maoineachaidh.

Ach, tha mòran ann a tha a' faireachdainn nach biodh gearraidhean na Comhairle air a bhith cho geur nan robh iad a' togail barrachd bhon a' Chìs.

Cùmhnadh

Air Dimairt, dh'fhoillsich a' Chomhairle gum feum iad £64m a chùmhnadh ro 2019; tha seo a bharrachd air cha-mhòr £78m a chaidh a shàbhaladh leotha sna còig bliadhnaichean mu dheireadh.

Tha iad ag ràdh gum bi na gearraidhean a tha a' teachd mì-chàilear agus gun tèid mòran chosnaidhean a chall - na ceudan co-dhiù.

Mar-thà, tha iad air gearraidhean luach còrr air £15m a chomharrachadh airson na h-ath-bhliadhna - ach, às dèidh sin, tha ceist ann.

A rèir cheannard buidseit na Còmhairle, an Comh. Maxine Nic a' Ghobhainn, a tha na ball dhan SNP, tha sin gu ìre leis nach eil fhios aca fhathast dè tha an-dàn dhan Chìs Chòmhairle.

Bheachdaich i gum biodh cùisean na b' fhasa nan deadh ceadachadh a' Chìs a chur an-àirde.

"Tha mi cinnteach gun tachair sin. Chan e nach eil cead againn a dhèanamh, 's iad COSLA a dh'aontaich gun deadh a' Chìs Chomhairle a reothadh gu 2015.

"An dèidh sin, bidh sinn a' sireadh teachd-a-steach a bharrachd, agus dh'fhaodadh gun tigeadh cuid dhen sin à àrdachadh air Cìs na Comhairle," thuirt i.

Teagamh

Chan eil buidheann dùbhlain na Comhairle a' creidsinn ge-tà, gum faodadh faochadh a thighinn rathad na Cìs Còmhairle.

Tha e eu-coltach nam beachd-san gun atharraich an suidheachadh le taghaidhean Pàrlamaid na h-Alba a' sìor thighinn nas fhaisge.

A rèir ceannard na buidhne, an Comh. Carolyn Wilson: "Bhiodh e na chuideachadh gun teagamh sam bith, ach chan eil mi den bheachd gun tachair e.

"Chan shaoilinn gun cuireadh an riaghaltas SNP às de reothadh sa Chìs Chomhairle sna 12 mhìosan ron Taghadh Pàrlamaid Albannach.

"Mairidh an reothadh sa Chìs gus an tèid an Riaghaltas Albannach ath-thaghadh no atharrachadh," thuirt i.

Tha gu meadhan na h-ath-mhìos aig daoine am beachdan a chur an cèill.

Faodar a dhèanamh tro làrach-lìn na Comhairle.

Bidh coinneamh aig a' Chomhairle mun chùis anns an Dùbhlachd.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile