Farpaisean ceannardais nan Làbarach

Anas Sarwar Image copyright PA
Image caption Thuirt Anas Sarwar gum bi e gu maith na pàrtaidh ceannard agus leas-cheannard ùr a thaghadh aig an aon àm.

Tha Pàrtaidh Làbarach na h-Alba a' sireadh leas-cheannard ùr, a thuilleadh air ceannard ùr, an dèidh don Leas-Cheannard, Anas Sarwar, innse gum bi e a' fàgail an dreuchd sin san Dùbhlachd.

A' bruidhinn aig dinnear ann an Glaschu oidhche Ardaoin, thuirt Mgr Sarwar gum bi e gu maith na pàrtaidh ceannard agus leas-cheannard ùr a thaghadh aig an aon àm.

Tha Anas Sarwar an-dràsta na cheannard eadar-amail air a' phàrtaidh an Alba, on a leig Johann NicLaomainn dhith a dreuchd an t-seachdain seo chaidh.

Fuirichidh Mgr Sarwar san dreuchd gus an tèid cuideigin a thaghadh na h-àite.

Tha triùir air an ainmean a chur air adhart aig an ìre seo - Sarah Boyack agus Niall Findlay a tha nam buill-liosta an am Pàrlamaid na h-Alba, agus Jim Murphy a tha an-dràsta na bhall ann am Pàrlamaid Westminster.

Cunntais-bheachd

Tha dà chunntas-bheachd ùr air sealltainn gu bheil na Làbaraich air an t-slighe gus a' mhòr-chuid de am BP Albannach a chall san Taghadh Choitcheann.

Leig Ms NicLaomainn dhith a dreuchd o chionn seachdain, 's i a' cumail a-mach gun robh ceannardan Làbarach Westminster a' dèiligeadh ri Pàrtaidh Làbarach na h-Alba mar "mheur Albannach" den phàrtaidh.

Thàinig an naidheachd gun robh Mgr Sarwar an dùil a dhreuchd a leigeil dheth an dèidh don BhP Jim Murphy foillseachadh gun robh e a' dol a sheasamh airson ceannas a' phàrtaidh an aghaidh BPA Lodainn Niall Findlay agus Sarah Boyack.

Thèid na farpaisean airson ceannard agus leas-cheannard a' phàrtaidh a ruith aig an aon àm.

Sgioba riaghlaidh

Thuirt Mgr Sarwar, a tha na Bhall-Pàrlamaid airson Meadhan Ghlaschu: "Tha mi air a thighinn gu co-dhùnadh a tha, nam bheachd-sa, gu maith na Pàrtaidh Làbaraich an Alba.

"Tha mi am beachd ceannas a' phàrtaidh a thoirt do sgioba ùr air an 13mh là den Dùbhlachd.

"Tha mi cuideachd den bheachd gu bheil e ceart gun tèid na taghaidhean airson ceannard agus leas-cheannard a' phàrtaidh a dhèanamh aig an aon àm.

"Bheir seo cothrom do Phàrtaidh Làbarach na h-Alba, na buill agus daoine aig a bheil ceangal ris a' bhuidhinn, chan e a-mhàin ceannard a thaghadh, ach sgioba riaghlaidh a tha am beachd a bhith soirbheachail ann an 2016."

Thàinig dearbhadh madainn Dihaoine bho dhithis bhall ann am Pàrlamaid Holyrood, Jackie Baillie agus Jenny Marra, nach bi iadsan a' seasamh airson dreuchd an leas-cheannard.

"Dùbhlan mòr"

Bha Ceannard nan Làbarach, Ed Miliband ann an Alba oidhche Ardaoin, 's tachartas pàrtaidh ga chumail ann an Glaschu.

Image copyright Getty Images
Image caption Thuirt Ed Milaband gu bheil "dùbhlan mòr" air thoiseach air na Làbaraich an Alba, agus thuirt e gun obraicheadh e gu dlùth le ge bith cò a thèid a thaghadh mar cheannard ùr Albannach a' phàrtaidh.

A' bruidhinn ris a' BhBC, dh'aidich e gu bheil "dùbhlan mòr" air thoiseach air na Làbaraich an Alba, agus thuirt e gun obraicheadh e gu dlùth le ge bith cò a thèid a thaghadh mar cheannard ùr Albannach a' phàrtaidh.

Aig a' cheart àm, chaidh dà chunntas-bheachd ùr fhoillseachadh a sheall gun robh taic airson nan Làbarach an Alba a' sìor thuiteam air dheireadh air an SNP, aig a' bheil mòr-chuid sa Phàrlamaid Albannaich.

Thrìoblaich ballrachd an SNP gu còrr is 83,000 an dèidh an referendum air neo-eisimeileachd na h-Alba san t-Sultain, a dh'aindeoin 's gun robh am pàrtaidh air an taobh nach do shoirbhich.

Sheall cunntas-bheachd dhan chraoladair STV gun bhòtadh 52% de dh'Albannaich airson an SNP nam biodh taghadh Westminster ann a-màireach, agus 23% a-mhàin dha na Làbaraich. Bheireadh an leithid 54 seat dhan SNP, le àireamh-iomlan nan Làbarach ga ghearradh bho 40 gu ceithir a-mhàin.

Cuideachd, a rèir a' chunntas-bheachd, tha dithis às gach triùir de dh'Albannaich ag iarraidh gun tèid referendum air neo-eisimeileachd a chumail a-rithist san deich bliadhna a tha romhainn, le còrr agus an dàrna cuid a' smaoineachadh gum bu chòir sin tachairt san ath chòig bliadhna.

Chuir cunntas-bheachd YouGov airson an Times an SNP air thoiseach aig 43%, no 47 seat, le na Làbaraich a' faighinn 27% den bhòt, a' gearradh na bhiodh aca an de BhP Albannach gu dìreach 10.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile