Dragh an Uibhist mu phrìs àrd a' chonnaidh

Pumpa connaidh Image copyright AFP
Image caption Tha Mgr MacFhionghain a' gearan nach d' fhuair muinntir Uibhist an aon ìsleachadh ann am prìs a' chonnaidh 's a fhuair muinntir Steòrnabhaigh.

Sgrìobh fear de chomhairlichean Uibhist gu ball nan Eilean Siar ann am Pàrlamaid na h-Alba agus dragh air mu phrìs àrd a' chonnaidh.

Tha Raghnall MacFhionghain ag iarraidh air Alasdair Allan an gnothach a thogail le Ùghdarras na Farpais agus nam Margaidhean, a' bhuidheann a ghabh àite Oifis na Malairt Cothromaiche.

Tha Mgr MacFhionghain a' gearan nach d' fhuair muinntir Uibhist an aon ìsleachadh ann am prìs a' chonnaidh 's a fhuair muinntir Steòrnabhaigh.

Mì-chiatach

Thuirt an Comh. MacFhionghain gu bheilear a' pàigheadh "co-dhiù 20sg a bharrachd" sna h-Eileanan a Deas airson peatrail agus dìosal.

"Tha e dìreach mì-chiatach. Tha sinn a' faicinn anns a' phàipeir gu bheil an connadh air Tìr-Mòr a' tuiteam 's a' tuiteam 's a' tuiteam, 's ann an seo, tha e a' dol suas fad an t-siubhail, no a' fuireach san aon àite. Chan eil e a' tuiteam idir.

"Ged a bha Ofgem againn an-uiridh, cha do dh'innis iad sian dhuinn, chan fhaca iad sian ceàrr.

"An àite iadsan tighinn chun na h-eileanan iad fhèin - agus chitheadh iad len sùilean fhèin dè tha tachairt - tha iad ag iarraidh air daoine sgrìobhadh thuca agus innse dè tha ceàrr. Tha sin ceàrr," bheachdaich Mgr MacFhionghain.

Iomairt

Bhon a thòisich iomairt anns a' cheann a tuath, ann an Leòdhas 's na Hearadh, tha prìsean air tuiteam gu mòr.

Na bu tràithe air a' bhliadhna, dhearbh Ùghdarras na Farpais agus nam Margaidhean gun robh a' chompanaidh Certas air geallaidhean a bharrachd a thoirt seachad gus prìsean connaidh nas cothromaiche a stèidheachadh sna h-Eileanan an Iar.

Ged a thàinig piseach aig tuath, tha coltas nach do thachair an leithid na h-Eileanan mu Dheas.

"Chan eil e a' tachairt an seo idir idir. An-dràsta 's a-rithist, chì thu e a' dol sìos rud beag, ach an uair sin tha e a' tilleadh suas a-rithist. Tha rudeigin fada, fada ceàrr," thuirt Mgr MacFhionghain.

Mì-chothromach

Bheachdaich an Comhairliche cuideachd gur ann a bu chòir prìs a' chonnaidh a bhith nas àirde air Tìr-Mòr: "Chanainn-sa gun robh còir aig a' phrìs a bhith nas daoire air Tìr-Mòr, 's gum fàgadh daoine bhuapa na càraichean.

"Feumaidh sinn, anns na h-Eileanan, na càraichean, cha dèan sinn às an aonais idir."

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile