Bonn cogaidh ga lorg ann an tobair

Uilleam Hogg Image copyright Handout
Image caption Uilleam Hogg, bho Rèiseamaid Ghàidheal Earra-Ghàidheal agus Chataibh.

Chaidh bonn bhon Chiad Chogadh, a chaidh fhaighinn shìos tobair aig Caisteal Inbhir Nis, a thoirt seachad do theaghlach an t-saighdear dham buineadh e - 30 bliadhna às dèidh dha a bhith air a lorg.

'S e fear a chleachd a bhith na oifigear poilis a fhuair lorg air teaghlach an t-saighdeir, às dèidh rannsachadh a mhair deichean bhliadhnaichean.

Obair-glanaidh

B' ann aig 11.00m, air an 11mh là den t-Samhain 1984, a fhuair buidheann de dh'oifigearan poileas seann bhonn cogaidh fhad 's a bha iad a' glanadh na tobrach aig Caisteal Inbhir Nis.

Dhearbh fear dhiubh, Pete Carson, gum buineadh e dhan t-saighdear Uilleam Hogg, bho Rèiseamaid Ghàidheal Earra-Ghàidheal agus Chataibh.

Cha b' urrainn dha an còrr fiosrachaidh a lorg ge-tà, leis gun deach seann chlàran a sgrios ann an ionnsaigh le boma tron Dàrna Cogadh.

Meadhanan sòisealta

A-nis, às dèidh 30 bliadhna, agus le cuideachadh bho na meadhanan sòisealta, fhuair e grèim air ogha an t-saighdeir.

Thàinig Iain Dòmhnallach gu tuath, bho dhachaigh ann an Devon, airson am bonn a thogail.

Chan eil fios fhathast dè a dh'fhàg am bonn anns an tobair.

Image caption Thàinig ogha an t-saighdeir, Iain Dòmhnallach, bho dhachaigh ann an Devon, airson am bonn a thogail.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile