Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

31 An Dàmhair 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Sarwar

Dh'innis Leas-Cheannard nan Làbarach an Alba, Anas Sarwar, gum bi e a' fàgail an dreuchd sin anns an Dùbhlachd. Thuirt Mgr Sarwar gum bi e gu maith na pàrtaidh ceannard ùr agus leas-cheannard ùr a thaghadh aig an aon àm. Thàinig dearbhadh anns a' mhadainn an-diugh bho dhithis bhall ann am Pàrlamaid Holyrood, Jackie Baillie agus Jenny Marra, nach bi iadsan a' seasamh airson dreuchd an leas-cheannard.

RBS

Rinn Banca Rìoghail na h-Alba prothaid ro chìsean de £1.3bn anns na trì mìosan eadar an Iuchar agus an t-Sultain. Bha call air RBS aig an àm seo an-uiridh. Chuir am banca £750m an dàrna taobh cuideachd mu choinneimh rannsachadh ris a bheil dùil, agus 's dòcha peanas airson an droch stiùireadh.

Woolf

Tha tuilleadh cuideam a dreuchd a' leigeil dhith air a' bhoireannach a chaidh fhastadh leis an riaghaltas ann an Westminster os cionn an rannsachaidh air casaidean mu ionnsaighean drabasta an aghaidh chloinne. Tha buidhnean a tha a' riochdachadh feadhainn a dh'fhulaing ag ràdh nach do rinn Fiona Woolf follaiseach a ceanglaichean ri seann Rùnaire na Dùthcha, Leon Brittan. Tha esan a' dol às àicheadh nach do rinn esan dad nuair a chaidh fiosrachadh a thoirt dha sna h-80an mu ionnsaighean drabasta an aghaidh chloinne.

Jamie Taggart

Rinn athair eòlaiche-lusan às Earra-Ghàidheal tagradh às ùr airson fiosrachadh mu a mhac. Tha bliadhna ann bho chaidh am botanist Jamie Taggart a dhìth ann an Bhietnam agus ged a tha athair, an Dr Jim Taggart, ag aideachadh nach eil mòran dòchais aige gu bheil e beò, thuirt e gu bheil e neònach nach aithne do chuideigin dè a thachair dha.

Rathad an t-Sròim

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gum bi cho fada ri mìos ann mus fhosgail seach-rathad an t-Sròim air Taobh Siar Rois fad na h-ùine a-rithist. Tha an rathad fosgailte tron là, bho 7.00m gu 7.00f, ach dùinte fad na h-oidhche fhad 's tha iad ga chàradh agus ga dhèanamh sàbhailte, an dèidh do thòrr creige tuiteam bho os a chionn aig toiseach na seachdaine. Tha na seirbheisean trèana eadar Inbhir Nis agus Caol Loch Aillse a' tilleadh dhan àbhaist an-diugh.

Prìs a' chonnaidh

Sgrìobh fear de chomhairlichean Uibhist gu ball nan Eilean Siar ann am Pàrlamaid na h-Alba agus dragh air mu phrìs àrd a' chonnaidh. Tha Raghnall MacFhionghain ag iarraidh air Alasdair Allan an gnothach a thogail le Ùghdarras na Farpais agus na Margaidh. Tha Mgr MacFhionghain a' gearan nach d' fhuair muinntir Uibhist an aon ìsleachadh ann am prìs a' chonnaidh agus a fhuair muinntir Steòrnabhaigh.