Àrd-Oifigear a' leigeil dheth a dhreuchd tràth
- Published
Tha Àrd-Oifigear NHS Roinn a' Mhonaidh, Richard Carey, a' leigeil dheth a dhreuchd tràth, dìreach cola-deug an dèidh dhan Chathraiche, Bill Howatson, a dhreuchd fhèin fhàgail.
Thuirt Mgr Carey feasgar Dihaoine gun robh e tàmailteach gun robh an càirdeas eadar àrd-dhotairean agus àrd-manadsairean air briseadh sìos.
Tha dotairean air a bhith a' gearan gu làidir mu ghainne luchd-obrach agus gainne airgid, gu h-àraidh ann an Obar Dheathain.
Tha cuid de dh'àrd-dhotairean air draghan a thogail mu shàbhailteachd nan euslainteach.
Cha deach ceann-là crìochnachaidh Mhgr Carey aontachadh fhathast.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Published
- 3 An Dàmhair 2014
Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh