Rathad an t-Sròim ga dheasbad
- Air fhoillseachadh

Thèid iarraidh air comhairlichean na Gàidhealtachd an t-seachdain seo taic a chur ri oidhirp gus airgead a bharrachd a lorg airson fuasgladh maireannach fhaighinn do sheach-rathad an t-Sròim.
Chaidh an rathad a dhùnadh a-rithist an t-seachdain seo chaidh is maoim-slèibhe eile air tighinn a-nuas air.
Tha an rathad a-nise fosgailte a-mhàin eadar 7m agus 7f le solais a' stiùireadh an trafaig.
Tha timcheall air £10m aig Comhairle na Gàidhealtachd an-dràsta mu choinneamh obair an rathaid ach tha dùil gun cosg fuasgladh maireannach eadar £80m is £120m.
Cead
Iarraidh oifigich cead air buill airgead a bharrachd a lorg airson na h-obrach aig coinneimh Diciadain.
Chuir tè de chomharlichean na sgìre, Audrey Nic na Ceàrdaich, a taic ris an iomairt sin, ach thog i dragh mu dhàil eile sa phròiseict.
Tha i a' cumail a-mach gum bu chòir do chomhairlichean aontachadh aig a' choinneimh cuideachd air an roghainn a b' fheàrr gus fuasgladh maireannach fhaighinn dhan t-suidheachadh.
"Sin ath-cheum, a bhith a' dol a lorg airgid, agus bidh a h-uile duine toilichte le sin", thuirt an comhairliche Nic na Ceàrdaich.
"Briseadh-dùil"
"Ann an dòigh eile ge-tà, 's e bristeadh-dùil a tha sin dhomhsa air sgàth is nach eil iad ag obair air na roghainnean fhèin an uair sin.
"Tha trì roghainnean ann ach chan eil iad a' dol a dhèanamh dad mu dheidhinn sin gus am bi an t-airgead a' tighinn a-steach.
"Ann an dòigh, bidh sinn air ais far an robh sinn 15 bliadhna air ais an uair a bha sinn a' coimhead ri fuasgladh dhan trioblaid.
"Cha bhi muinntir na sgìre toilichte agus chan eil mise toilichte nach eil iad a' dol air adhart leis na roghainnean cuideachd", thuirt i.
Thèid suidheachadh an rathaid a dheasbad aig Comataidh an Dealbhachaidh, an Leasachaidh is a' Bhun-Structair Diciadain.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh31 An Dàmhair 2014