Buidheann ùr ga stèidheachadh mu Ospadal an Eilein Sgitheanaich
- Published
Thèid buidheann ùr a stèidheachadh a riochdaicheas daoine ann an ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich air a bheil dragh mu chàit' am bi ospadal ùr na sgìre.
'S e an t-Ath Leathann an làrach as fheàrr leis a' bhuidhinn-stiùiridh son prìomh ospadal an Eilein Sgitheanaich 's Loch Aillse, le goireas meidigeach nas lugha ann am Port Rìgh.
Tha dragh air cuid ge-tà mun bhuaidh a bhiodh aig an seo air seirbheisean do mhuinntir a' chinn a tuath.
Tha NHS na Gàidhealtachd a' dol às àicheadh gun do rinn iad co-dhùnadh mu thràth mun làraich agus tha iad ag ràdh gun èist iad ri beachdan an t-sluaigh.
Cumar coinneamh ann am Port Rìgh oidhche Dhiluain far an tèid buidheann a chuir air chois a chuireas beachdan mhuinntir a' chinn a tuath mu choinneamh a' Bhuird Shlàinte.
Bidh a' choinnemh sin ann an Talla Coimhearsnachd Phort Rìgh aig 7.30f Diluain.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Published
- 13 An Lùnastal 2014
- Published
- 19 Am Màrt 2013