Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00

3 An t-Samhain 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Fèin-riaghladh

Tha iomairt ùr a' tòiseachadh son 'home rule' a bheireadh tuilleadh chumhachdan do Phàrlamaid na h-Alba. Tha seann Phìomh Mhinistear Làbarach na h-Alba, Eanraig MacIlliosa agus Anndra MacUilleam, a bha na bhall SNP ann am Pàrlamaid na h-Alba, a-measg na tha air cul na h-iomairt, a tha ag iarraidh, a-measg rudan eile, cumhachd do Phàrlamaid Holyrood a bhith a' togail a'mhor-chuid den airgead a tha i a' cosg.

Darling

Bidh Alasdair Darling a' fàgail a dhreuchd mar bhall-pàrlamaid aig taghadh coitcheann na h-ath bhliadhna. Thuirt e gu bheil e, aig tri fichead bliadhna a dh'aois, òg gu leòr son a dhol an sàs ann an rudan eile. Tha e diùmbach cuideachd nach do ghabh na Làbaraich brath air an bhòt an aghaidh neo-eisimeileachd anns an referendum.

Tràlair

Chaidh sguir dhen rannsachadh son tràlair às a' Bhruaich a chaidh a dhìth anns a' Chuan a Tuath. Chaidh triùir den chriubha a thogail às an uisge an dèidh dhan Ocean Way a dhol fodha mu cheud mìle an ear air Northumberland sa mhadainn an-dè. Chaochail fear dhiubh sin agus tha an sgiobair agus aon duine eile fhathast a dhìth.

EU

Tha aithrisean ann gun tuirt Seansalair na Gearmailt, Angela Merkel, gum b'fheàrr leis an Rìoghachd Aonaichte an t-Aonadh Eòrpach fhàgail seach geilleadh mu in-imreachd. Tha an iris, Der Spiegel, ag ràdh gun tuirt i ri Dàibhidh Chamshron gu bheil a phlanaichean son casg air in-imreachd a' putadh Bhreatainn a-mach às an EU.

Ospadal an Eilein Sgitheanaich

Thèid buidheann a stèidheachadh ann an ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich a thogas dragh mun dòigh anns an do rinn NHS na Gàidhealtachd co-chomhairleachadh mus tuirt iad gur ann san Ath Leathann a b'fheàrr Ospadal ùr an Eilein Sgitheanaich agus Loch Aillse a bhith. Tha a' bhuidheann ùr a' cumail coinneimh ann am Port Rìgh a-nochd agus iadsan den bheachd gun iarradh a' mhor chuid an t-ospadal ùr ann am Port Rìgh.

Stafainn

Chaidh rabhadh gu bheil cunnart ann gun dùin Bun-sgoil Stafainn san Eilean Sgitheanach agus àireamh na cloinne an sin air tuiteam bho 55 gu dìreach 11 ann an ochd bliadhna. Tha Urras an Taobh Sear a' coimhead son fearann air an gabh taighean a thogail 's iad ag ràdh gur e cion taigheadas an t-adhbhar 's motha air a bheil teaghlaichean òga a fàgail na sgìre.