Maoineachadh a bharrachd do dhotairean iomallach
- Published
Bheir Riaghaltas na h-Alba £40m a bharrachd do dh'ionadan doctairean teaghlaich anns na sgìrean as miosa dheth den dùthaich.
Thèid pàirt den airgead cuideachd gu h-ionadan iomallach air an tuath agus anns na h-Eileanan agus gu feadhainn a tha a' coimhead às dèidh mòran dhaoine aosta.
Thuige seo tha £130m air a bhith ann am buidseat na h-Alba airson ionadan dotair na dùthcha.
Thuirt Rùnaire na Slàinte, Ailig Neil, gun robh an t-airgead a bharrachd ag amas air cothrom a thoirt do dhotairean dèiligeadh ri mar a tha sluagh na h-Alba ag atharrachadh agus a' fàs nas sine.
'S iad na h-ionadan as motha a tha a' fulang a gheibh an t-airgead a bharrachd, le cuideam air sgìrean bochda de Ghlaschu, sgìrean iomallach air Tìr Mòr, agus cuideachd coimhearsnachdan eileanach.
Aig a' cheart àm tha NHS na Gàidhealtachd air crathadh a thoirt air seirbheis dhotairean dha na h-Eileanan Beaga.
Bidh dithis dhotair bhon Eilean Sgitheanach a' cleachdadh bàta shònraichte bho Armadal airson tadhal air na h-Eileanan an àite a bhith stèidhichte anns na h-Eileanan Beaga fhèin.
Cleachdaidh nursaichean agus luchd-obrach slàinte eile an t-seirbheis cuideachd.
Gheibh na h-Eileanaich cuideachd treanadh iad fhèin gus cuid de sheirbheisean a thoirt seachad.
Tòisichidh an sgeama dearbhaidh air an 18mh den t-Samhain.