Àireamh a Seachd
Niall O'Gallagher
Fear-naidheachd poileataigeach
@BBCNiallOGon Twitter
- Published
Cò a dh'iarradh an dreuchd?
O thòisich fèin-riaghladh ann an 1999, tha sianar air a dèanamh thuige seo.
Agus, às dèidh bàs Dhòmhnaill Dewar, tha gach fear agus tè a lean e air a bhith a' strì leis na dearbh cheistean.
An toiseach, ciamar a ghabhas luchd nam pàrlamaid aig Holyrood agus Westminster a thoirt còmhla?
Agus, ciamar a gheibh ceannard Albannach a' phàrtaidh an saorsa gus slighe eile a ghabhail bho Lunnainn nuair a tha sin a dhìth?
Tha triùir a-nis a' creidsinn gu bheil freagairtean aca do na seann cheistean seo.
Buaidh
Dhearbh am pàrtaidh an-diugh gu bheil ball-pàrlamaid agus dithis bhall-pàrlamaid Albannach air taic gu leòr fhaighinn airson seasamh.
'S iad seann Rùnaire na h-Alba, Jim Murphy, seann mhinistear na h-àrainneachd aig Holyrood, Sarah Boyack agus labhraiche slàinte a' phàrtaidh anns a' Phàrlamaid Albannaich, Neil Findlay.
Tha dithis air an ainmeanan a chur air adhart airson leas-cheannas a' phàrtaidh - bho Westminster, Katy Clark BP agus bho Holyrood, Kezia Dugdale.
Cha deach riaghailtean ùra a' phàrtaidh a chur an gnìomh fhad 's a bha Johann Lamont na dreuchd, is mar sin 's e an seann siostam toinnte a thèid a chleachdadh airson an sgiopa ùr a thaghadh.
Thèid a' bhòt a chumail ann an trì roinnean - buill àbhaisteach, luchd nam pàrlamaid agus buidhnean ceangailte ris a' phàrtaidh, leithid nan aonaidhean ciùird.
Dh'fhaodadh sin buaidh mhòr a thoirt air an toradh.
Dùbhlan
Fhuair Mgr Murphy thuige seo barrachd taic bho bhuill aig Holyrood agus Westminster na tagraiche sam bith eile.
Ach bidh dùbhlan dhasan bho na h-aonaidhean ciùird agus Unison - aig a' bheil mu 150,000 ball ann an Alba air taic a chur ri Mgr Findlay.
Tha dragh aig cuid gu bheil Mgr Murphy ro fhada don làimh dheis, agus tha cuid eile ag ràdh gu feum an ceannard ùr a bhith aig Holyrood mar-thà.
As bith cò a bhuannaicheas, bidh dùbhlan mòr ron sgiopa ùir, a thèid fhoillseachadh ron Nollaig.
An uair sin cha bhith ann ach beagan mhìosan ron taghadh choitcheann.
Ùine gu leòr gus staid a' phàrtaidh a chur am feabhas? Bidh Ed Miliband an dòchas gur e.