BBC Naidheachdan

Tubaist mharbhtach air an A9

Published

Chaidh fireannach a mharbhadh ann an tubaist-rathaid air an A9 ann an Siorrachd Pheairt madainn Dimàirt.

Thachair an tubaist eadar càr is làraidh faisg air Baile an Lùig beagan ro 08:00m.

Chaidh heileacoptair-eiridinn a ghairm ach chaochail fireannach a bha a' dràibheadh a' chàir.

Cha deach dràibhear an làraidh a ghoirteachadh.

Chaidh an t-slighe gu tuath a dhùnadh fad ghrunn uairean de thìde fhad 's a bha na Poilis a' rannsachadh, ach chaidh fhosgladh às ùr feasgar.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

  • Poilis Alba

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh