Seòras Stephenson
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Dorsair Sgoil an Iochdair

5 An t-Samhain 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Leigidh fear ann an Uibhist dheth a dhreuchd aig deireadh na mìos às dèidh dha a bhith 37 bliadhna na dhorsair aig Sgoil an Iochdair.

Gu h-annasach, chan eil Seòras Stephenson a-riamh air là-obrach a chall tro thinneas.

Chuir an tè-naidheachd againn, Shona NicDhòmhnaill, seachad an là a' leantainn Sheòrais aig obair.