Dùnadh na drochaid na dhearbhadh

Raon-laighe an eilein
Image caption Tha strì a' leantainn gus an raon-laighe ath-fhosgladh.

Tha mar a chaidh Drochaid an Eilein Sgitheanaich a dhùnadh dà thuras air a' mhios a chaidh seachad a' cur ris an iomairt airson seirbheisean adhair dhan eilean a rèir na buidhne a tha a' strì airson sin, FlySkye.

B' fheudar an drochaid a dhùnadh agus dragh ann mu shàbhailteachd le neart na gaoithe.

"Bha mise an lùib an fheadhainn a bha air am bacadh o faighinn a-null gu Tìr Mòr bho chionn dhà no trì sheachdainnean air ais," thuirt Boyd Robasdan, a tha na bhall de FlySkye.

"Tha e a' cur bacadh air an t-uabhas dhaoine. Bha mise a' dèanamh air coinneamhan ann an Glaschu aig an àm, agus cha d' fhuair mi ann ri linn gun robh an drochaid dùinte agus gun robh an aiseag dheth ann an Slèite.

Ceistean

"Tha iomadach duine san t-suidheachadh sin a' dol an dà rathad, agus feumach air slighean fhaighinn airson ceanglaichean a thogail le chèile, agus cha deach againn air an dà thuras a bha an drochaid dùinte.

"Tha sin a' dearbhadh gu bheil feum air dòigh eile air faighinn dhan Eilean Sgitheanach.

"Air an dearbh là a bha mise air mo bhacadh bha daoine a' faighinn dha na h-eileanan eile le seirbheisean adhair, agus tha seo a' sealltainn gu bheil feum air dòigh eile air faighinn dhan Eilean Sgitheanach," thuirt e.

Thuirt Mgr Robasdan gum biodh FlySkye a' bruidhinn ris a' bhuidhinn a tha an urra ri a bhith a' co-dhùnadh an drochaid a dhùnadh, agus ri comhairlichean ionadail agus Buill-Phàrlamaid cuideachd mu dheidhinn an drochaid a bhith a' dùnadh.

"Tha fhios agam gu bheil iadsan mar thà, feadhainn dhiubh, air an guthan a thogail mu dheidhinn nan adhbharan airsin a bhith a' tachairt," thuirt Mgr Robasdan.

"Tha e gu math neònach, na làithean a chaidh an drochaid a dhùnadh, bha làithean gu math gu math nas miosa na sin ann, stoirmean cus nas cruaidhe na thachair na làithean sin, agus bha an drochaid fosgailte thar nam bliadhnaichean.

"Tha e a' togail mòran cheistean a thaobh ciamar a thathas a' tomhas ciamar a tha an t-sìde, agus carson a tha an rathad gus a bhith dùinte.

"Bliadhnaichean eile tha mi a' creidsinn gum biodh iad a' cur sreath de làraidhean mòra a-null còmhla air an drochaid gus am biodh e na b' fhasa dhaibh faighinn a-null.

"Bha iad ri taobh a chèile agus a' dol aon rathad aig aon àm.

Tèarainteachd

"Carson nach eilear a' feuchainn ri seo a dhèanamh? Tha seo a' cur bacadh chan ann a-mhàin air an Eilean Sgitheanach, ach cuideachd air na h-Eileanan a-muigh, oir tha daoine a tha a' cleachdadh nan aiseagan sin a' cleachdadh na drochaid cuideachd," thuirt e.

Tha Mgr Robasdan cuideachd ag ràdh gu bheil na h-uimhir de dh'adhartas ga dhèanamh a thaobh seirbheisean adhair.

"'S e buidheann piobrachaidh a th' ann am FlySkye, agus tha buidhnean oifigeil mar HiTrans, Comhairle na Gàidhealtachd, HIE, tha iadsan an sàs ann am buidhinn oifigeil a bhios a' rannsachadh cheistean a thaobh an raoin-laighe," thuirt e.

"Tha mi a' tuigsinn gu bheil iad a' dèanamh adhartais le ceanglaichean le HIAL - a tha a' ruith phort-adhair na Gàidhealtachd - agus cuideachd leis an CAA a thaobh an t-seòrsa riaghailtean a thaobh tèarainteachd mar eisimpleir a dh'fheumadh a bhith aig raon-laighe.

"Tha iad a' dèanamh argamaid leotha nach leig a leas na h-aon riaghailtean a bhith an sàs aig Port-adhair an Eilein Sgitheanaich 's a bhiodh aig Heathrow mar eisimpleir.

"'S tha mi a' tuigsinn gu bheil iad a' faighinn deagh èisteachd bhon CAA," thuirt e.