Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

5 An t-Samhain 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

In-imreachd

Thuirt Ministear na h-In-Imreachd, Seumas Brokenshire, gu bheil Daibhidh Camshron ceart ann a bhith a' feuchainn ri smachd a chur air àireamh in-imreach às an Aonadh Eòrpach, a dh'aindeoin rannsachaidh a thuirt gu bheil iad nam buanachd eaconamaich do Bhreatainn. Thuirt an aithisg bho Oilthigh Cholaiste Lunnainn gun do phàigh in-imirich às an AE cha-mhòr £5bn a bharrachd ann an cìsean sna seachd bliadhna suas gu 2011 na fhuair iad eadar sochairean agus seirbheisean poblach. Ach thuirt Mgr Brokenshire gun do dh'atharraich an suidheachadh bhon uair sin.

Taghadh Aimeireaga

Rinn na Poblachdaich adhartas ann an taghaidhean meadhan teirm nan Stàitean Aonaichte, 's tha smachd aca a-niste air an dà thaigh sa Chòmhdhail. Tha sin a' ciallachadh gum bi e gu math nas doirbhe do Bharak Obama laghan ùra a chur an sàs air an dà bhliadhna mu dheireadh aigesan mar Cheann-suidhe.

Ebola

Thuirt ceannard iomairt an UN an aghaidh èiginn an Ebola air taobh siar Afraga gu bheil iad a' dèanamh adhartais fhollaisich. Thuirt Anthony Banbury nach eil an galar a' sgapadh cho luath, agus gu bheil nas lugha dhaoine a' bàsachadh leis.

Seach-rathad an t-Sròim

Thèid iarraidh air comhairlichean na Gàidhealtachd an-diugh beachdachadh às ùr air na planaichean airson seach-rathaid an t-Sròim air taobh siar Rois, a tha gu math tric dùinte le maoimtean-slèibhe. Tha trì roghainnean ann airson slighe ùir, 's bidh na buill an-diugh cuideachd a' coimhead air cò às a thigeadh an t-airgead airson an sgeama, a chosgadh eadar £85m agus 's dòcha £140m.

Tarraing Fòn-Làimhe

Chaidh rabhadh do chompanaidhean fòn-làimhe gun toir an Riaghaltas orra a bhith a' roinn lìonrachd eadar iad ann an sgìrean far nach eil an siognal math. Thuirt Rùnaire a' Chultair ann an Westminster, Safid Javid, gu bheil e cudromach gum bi co-obrachadh eadar na diofar chompanaidhean leis cho mòr 's a tha daoine san là an-diugh a' crochadh air fòn-làimhe, gu h-àraid ann an sgìrean iomallach far nach eil an siognal làidir.