Sia seachdainnean gun aiseag chàraichean

Dh'fhaodadh nach bidh aiseag chàraichean a' ruith eadar Ulapul 's Steòrnabhagh airson sia seachdainnean as t-Earrach seo tighinn, agus obair san amharc airson alt-aiseig ùr a chur an sàs an Ulapul.

Tha Còmhdhail na h-Alba air iarraidh air Cal Mac alt-aiseig Ulapuil, a tha 42 bliadhna de dh'aois, ùrachadh.

Thathas a' tuigsinn gu bheil Cal Mac a' coimhead ri aiseagan a bharrachd a ruith eadar Ùige 's Steòrnabhagh airson chàraichean, le seirbheis do luchd-coiseach a-mhàin eadar Ulapul agus Steòrnabhagh.