Comhairlean a' sireadh chumhachdan

Ar n-Eileanan ri Teachd
Image caption Tha Ar n-Eileanan ri Teachd airson coinneachadh ri Coimisean Mhic a' Ghobhainn.

Tha an iomairt "Ar n-Eileanan ri Teachd" - a tha a' sireadh chumhachdan a bharrachd do chomhairlean eileanach na h-Alba - air am freagairt a chur gu Coimisean Mhic a' Ghobhainn.

Chaidh Coimisean Mhic a' Ghobhainn a stèidheachadh gus coimhead air dè na cumhachdan a bharrachd a bu chòir do Phàrlamaid na h-Alba fhaighinn, às dèidh do mhuinntir na dùthcha bhòtadh an aghaidh neo-eisimileachd.

Chuir Ar n-Eileanan ri Teachd, co-bhanntachd eadar Comhairle nan Eilean Siar, Comhairle Arcaibh is Comhairle Shealtainn, uallach an dà chuid air Riaghaltas Westminster is Riaghaltas na h-Alba ron referendum gus cumhachdan ùr a sgaoileadh thuca.

Gealltanasan

Tha iad ag iarraidh air Coimisean Mhic a' Ghobhainn aithne oifigeil a thoirt air na gealltanasan a thug an dà riaghaltas seachad agus air a' phrionnsabal gum bu chòir dhaibh an cur an sàs far an gabh sin a dhèanamh.

Mar phàirt den fhreagairt aca dhan Choimisean, dh'iarr Ar n-Eileanan ri Teachd cuideachd gum bi cothrom aig ceannardan nan trì comhairlean nochdadh air a bheulaibh.

Thuirt iad gu bheil iad airson innse dhan Choimisean dè na dùbhlain shònraichte a tha mun coinneamh is mar a bhiodh cumhachdan a bharrachd feumail gus dèiligeadh riutha sin.

Adhartas

Thuirt Fear-gairm Chomhairle nan Eilean Siar, Tòrmod Dòmhnallach, gu bheil an iomairt a' coimhead ri Coimisean Mhic a' Ghobhainn mar chothrom air leth gus adhartas a dhèanamh.

"Cha robh teagamh sam bith againn nach robh atharrachadh bunaiteach gu bhith ann a thaobh an dòigh 's a bha an rìoghachd gu bhith air a riaghladh às dèidh an refererendum, ge bi dè an co-dhùnadh a bha gu bhith ann, agus tha sinn a-nise a' greimeachadh air sin", thuirt e.

Tha Mgr Dòmhnallach ag ràdh gu bheil e dòchasach gun gabh cuid de chumhachdan a sgaoileadh dha na h-ùghdarrasan an ìre mhath sgiobalta.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile