Eaglais a' Chaoil
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Rabhadh à Loch Carran

6 An t-Samhain 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Thàinig rabhadh gum faodadh mòran Eaglais na h-Alba fhàgail fhathast ma 's e agus gum bhòt a' mhor chuid de chlèirean na h-Alba 'son cead a thoirt do mhinisteirean gèidh.

Sin beachd an Urramaich Ailean MacArtair, clàrc clèir Loch Carrain, às dèidh dhaibhsan bhòtadh an t-seachdain seo 12-2 an aghaidh a' ghnothaich.

Bidh clèirean na h-Alba gu lèir a' bhòtadh air a' chùis mus till iad gu Àrd Sheanadh na h-ath bhliadhna.

Dh'fheumadh a' mhòr-chuid de chlèirean bhòtadh 'son ministeirean gèidh mus rachadh sin a stèidheachadh mar lagh na h-Eaglaise.