CnES feargach mu Chidhe Ulapuil

Cidhe Ulapuil
Image caption Tha e coltach nach bi aiseag chàraichean a' dol eadar Ulapul 's Steòrnabhagh airson suas ri sia seachdainnean as t-Earrach.

Tha Comhairle nan Eilean Siar a' sireadh chòmhraidhean le Caledonian Mac a' Bhriuthainn anns an aithghearrachd is iad feargach le dith fiosrachaidh mu obair aig Cidhe Ulapuil.

Thàinig e am bàrr Diciadain gur dòcha nach bi aiseag chàraichean a' dol eadar Ulapul 's Steòrnabhagh airson suas ri sia seachdainnean as t-Earrach is Còmhdhail Alba air iarraidh air Cal Mac alt-aiseig Ulapuil, a tha còrr is 40 bliadhna a dh'aois, ùrachadh.

Thathas a' tuigsinn gu bheil Cal Mac a' beachdachadh air aiseagan a ruith eadar Ùige 's Steòrnabhagh airson càraichean fhad 's a tha an obair a' dol air adhart, le seirbheis do luchd-coiseachd a-mhàin eadar Ulapul 's Steòrnabhagh.

Thuirt Cathraiche Còmhdail na Comhairle, Iain MacAoidh, nach robh dùil aca ris an naidheachd.

"Obann"

"Thàinig seo oirnn gu math obann, cha robh sùil againn ris", thuirt Mgr MacAoidh.

"Bha mise a' bruidhinn air an rèidio Diciadain is bha mi ag ràdh gur e Steòrnabhagh an dàil a bha gu bhith ann ach tha iad a-nise ag innse dhuinn gur e Ulapul. Bha sinne a' smaoineachadh gun robh Ulapul deiseil airson an Loch Seaforth", thuirt e.

Rinn Mgr MacAoidh càineadh air na buidhnean eile is air Riaghaltas na h-Alba airson mar a chaidh an gnothach a làimhseachadh.

"Cha do dh'innis Cal Mac no Còmhdail Alba dhuinn dè bha nam beachd, thàinig seo oirnn gu h-obann.

"S ann air an rèidio a chuala mise gun robh seo a' dol a thachairt is chan eil e math gu leòr gu bheil an Riaghaltas gar fàgail mar seo is gur e fathanan a tha sinn a' cluinntinn bho ghach taobh.

"Cha robh daoine gar creidsinn"

"Bha daoine a' faighneachd dhuinn dè bha a' tachairt is bha sinn a' cantainn riutha nach robh fios againn is cha robh daoine gar creidsinn.

"Chuir sinn fios air Còmhdail Alba an-dè is tha sinn fhathast gun guth fhaighinn air ais. Chan eil e math gu leòr", thuirt e.

Thuirt Mgr MacAoidh nach eil e den bheachd gum biodh seirbheis eadar Ùige 's Steòrnabhagh freagarrach ach gum feum a' Chomhairle gabhail ris oir gum feum an obair an Ulapul a dhol air adhart.

Dh'innis e gun coinnich iad ri Cal Mac cho luath 's a ghabhas gus bruidhinn mun ghnothach air fad.

"Cha d'fhuair sinn ceann-là airson sin fhathast ach tha sinn an dòchas gum faigh sinn fios fhathast Diardaoin airson gum faigh sinn air bruidhinn riutha is gun toir sinn dhaibh ar beachd", thuirt e,

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile