Dàil air Sgoil Ùr Uibhist a Tuath

Paibeil Image copyright Anne Burgess/Geograph
Image caption 'S ann am Paibeil a bhios sgoil ùr Uibhist a Tuath.

Tha Comhairle nan Eilean Siar ag amas air airgead a bharrachd a lorg gus sgoil ùr a thogail do dh'Uibhist a Tuath is dàil air a dhol air obair.

Cha aontachadh roimhe gun tèid sgoiltean Phaibeil, Chàirinis agus Loch nam Madadh a dhùnadh agus sgoil ùr a thogail nan àite.

'S ann air làrach sgoil Phaibeil a bhios i ach cha do thòisich obair mar a bha dùil air cuid de na togalaichean an sin a leagail.

'S iad a' chompanaidh Robertson Construction a fhuair am prìomh chùmhnant ach thathas a' tuigsinn gu bheil duilgheadas ann companaidhean a lorg a ghabhas fo-chùmhnantan.

Thuirt fear de chomhairlichean na sgìre, Uisdean Robasdan, gun robh e na b'fhasa companaidhean fhaighinn an uair a bhathar ag obair air na sgoiltean ùra eile anns na h-Eileanan an Iar leis gun robh grunnan dhuibh gan togail aig aon àm.

Diofraichte

'S e suidheachadh diofraichte a th' ann a thaobh na sgoile ùire an Uibhist a Tuath, thuirt e.

"Tha e air a bhith beagan nas duilghe luchd-gnìomhachais fhaighinn dhan sgoil seo oir tha i leatha fhèin.

"Cuideachd mar a tha sinn a' tuigsinn, tha obair-togail air a bhith car trang air Tìr-Mòr an-dràsta is mar sin tha e beagan nas duilghe buileach", thuirt Mgr Robasdan.

Tha a' chomhairle a-nise air cur rompa airgead a bharrachd fhaighinn gus cur ris a' phròiseict.

"Thàinig na tairgsean air ais is bha iad beagan na bu daoire na bha a' chomhairle air a chur seachad", thuirt Uisdean Robasdan.

Taic

"Fhuair sinn taic bho Riaghaltas na h-Alba, bhon Scottish Futures Trust, fhuair sinn £1.6m bhuapa.

"An rud a tha a' tachairt an-dràsta, tha a' chomhairle air a dhol air ais dhan Scottish Futures Trust, a' faighneachd am faigh iad barrachd ionmhais bhuapasan agus tha a' chomhairle dòchasach gun toir iad barrachd seachad.

"Nì sin cuideachd mòr agus dh'fhaodadh gum feum a' chomhairle fhèin barrachd fhaighinn. 'S dòcha gu bheil rudan a ghabhas dèanamh san sgoil fhèin is taobh a-muigh na sgoile a dhèanadh sàbhaladh. Thathar cuideachd a' dol gu sportscotland 'son s' dòcha beagan taic a bharrachd a thaobh an raoin timcheall air an sgoil".

Thuirt an comhairliche Robasdan gu bheil a' chomhairle dòchasach gum faigh iad an t-airgead a tha a dhìth orra is gum bu mhiann leotha gum bi an sgoil ùr deiseil san Dùbhlachd 2015.

"Tha e caran tàmailteach an uair a chì thu dàil ga cur air rud sam bith agus bidh daoine caran draghail mu dheidhinn sin ach chanainn gu bheil a h-uile dòchas aig a' chomhairle gun tòisich seo ann am beagan mhìosan agus gum bi sgoil ùr againn ann an Uibhist a Tuath san Dùbhlachd an ath-bhliadhna", thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile