Càineadh air stiùirichean NHS na Gàidhealtachd

Ospadal an Ràthaig Mhòir
Image caption 'S e Ospadal an Ràthaig Mhòir fear dhen na rudan as motha a tha a' cur uallaich air buidseat NHS na Gàidhealtachd

Chaidh fàgail air Àrd-oifigear agus stiùiriche ionmhais NHS na Gàidhealtachd gun do mhì-làimhsich iad staing ionmhais aig an urras slàinte.

Thàinig e am barr nach do dh'innis iad, gu h-oifigeil, dha buill a' bhuird mus d'fhuair iad iasad de £2m bho Riaghaltas na h-Alba.

Bha an t-iasad sin a dhìth airson leabhraichean a' Bhuird Shlàinte a chothromachadh an uiridh.

Bha a' chùis ga deasbad le Comataidh an Sgrùdaidh Phoblaich ann am Pàrlamaid na h-Alba Diciadain.

"Laigsean"

An t-seachdain seo chaidh, fhuair Buidhean Sgrùdaidh na h-Alba laigsean mòr ann an gnothaichean ionmhais na buidhne.

Thog iad gu sònraichte air na tha am Bòrd a' cosg air seirbheisean prìobhaideach.

Dh'fhaodadh gum bi toll mòr ann am buidseat NHS na Gàidhealtachd a-rithist am-bliadhna.

'S e Ospadal an Ràthaig Mhòir ann an Inbhir Nis as motha a tha a' cur uallaich air buidseat an ùghdarrais.

Ceumanan

Thuirt Cathraiche NHS na Gàidhealtachd, Gary Coutts, gu bheil iad air ceumanan a ghabhail gus dèiligeadh ris an easbhaidh ann am buidseat na bliadhna-sa, agus gu bheil e an dòchas gun tèid aca air na leabhraichean a chothromachadh.

Thuirt fear-gairm Chomataidh an Sgrùdaidh Phoblaich, Ùisdean Henry, nach robh ceannardan na seirbheis slàinte a' roinn fiosrachaidh mar bu chòir, agus gur e "cùis nàire" a bha sin.

Thathas a-nis ag iarraidh gun nochd Àrd-oifigear NHS na Gàidhealtachd, Elaine Mead, agus an Stiùiriche Ionmhais, Nick Kenton, air beulaibh bhuill na Pàrlamaid gus mìneachadh a thoirt dhaibh air trioblaidean ionmhais na buidhne.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile