Dearbhadh air Cidhe Ulapuil

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Tha maill mhòr agus cosgais mhòr air tighinn air a' bhàta ùr.

Dh'innis Comhairle nan Eilean Siar gun d' fhuair iad dearbhadh gum bi buaidh air seirbheisean-aiseig fad sia seachdainean trath sa Bhliadhna Ùr is obair ga dèanamh air alt-aiseig Ulapuil.

Fhuair CnES dearbhadh cuideachd gum bi co-chomhairle ann mun chùis.

Bha e air tighinn am bàrr Diciadain gur dòcha nach biodh aiseag chàraichean a' dol eadar Ulapul 's Steòrnabhagh airson treis sa Bhliadhna Ùr is Còmhdhail Alba air iarraidh air Cal Mac an alt-aiseig ùrachadh.

Càineadh

Chàin Cathraiche Còmhdail na Comhairle, Iain MacAoidh, Caledonian Mac a' Bhriuthainn is Còmhdail na h-Alba mun ghnothach madainn Dhiardaoin.

A' bruidhinn air Aithris na Maidne, thuirt Mgr MacAoidh gur e suidheachadh truagh dha-rìribh a bh' ann gun cuala Comhairle nan Eilean Siar mun obair an toiseach air an reidio.

Chuir e na draghan sin an cèill às ùr às dèidh dhan chomhairle dearbhadh oifigeil fhaighinn mun obair.

Buaidh

"Ged a tha sinn a' gabhail ris gum feum an obair seo a dhèanamh, cha deach co-chomhairle a dhèanamh ri muinntir agus gnìomhachasan nan Eilean Siar - air an toir seo buaidh - air neo ris na riochdairean aca", thuirt Mgr MacAoidh.

"Tha e tàmailteach, leis a' cho-chomhairle is an fhiosrachadh a bh' ann an uair a bhathar a' beachdachadh air obair-leasachaidh aig Cidhe Ulapuill agus nuair a bhathar ga thoirt gu buil, gu bheil sinn a-nise san t-suidheachadh seo far nach robh co-chomhairle ann no fiosrachadh ga sgaoileadh mun obair a bharrachd a tha seo.

"Tha mi an dòchas, às dèidh do cho-chomhairle a bhith ann, gun gabh roghainnean a lorg gus nach bi buaidh ro mhòr air luchd-siubhail", thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile