Ath-chuinge Lìonail ga thoirt seachad
- Published
Thug feadhainn a tha a' strì 'son Àrd-sgoil dà bhliadhna Lìonail ann an Nis a chumail fosgailte ath-chuinge le còrr 's 500 ainm seachad gu Comhairle nan Eilean Siar.
Thig co-chomhairle air na tha an dàn dhan sgoil gu ceann Dihaoine.
Tha Comhairle nan Eilean Siar a' moladh an àrd-sgoil a dhùnadh is iad ag ràdh gu bheil àireamh nan sgoilearan a' sìor-thuiteam.
Dh'innis iad nach eil ach ochdnar sgoilearan innte a-nise is gu bheil an àireamh sin cho beag is nach eil e comasach foghlam ceart is coileanta a thoirt seachad.
Tha tòrr de phàrantan nach eil a' gabhail ris sin is iad a' cumail a-mach gu bheil foghlam a cheart cho math aig na sgoilearan ann an Lìonail.
B'fheàrr leotha cuideachd nach biodh aig na sgoilearan ri siubhail gu Steòrnabhagh gach là.
Ath-chuinge
Thug luchd-strì an ath-chuinge aca seachad aig oifsean na Comhairle ann an Steòrnabhagh Diardaoin.
A rèir Màiri Mhoirich, a tha na pàrant aig an sgoil, tha taic làidir aca an Nis.
"Tha sinne an dèidh a bhith a-muigh dha na taighean gu leìr agus tha a' chuid mhòr san sgìre air an ainm a chur ris an ath-chuinge againn", thuirt Màiri.
"Tha sinn dòchasach airson tha sinn dìreach air a bhith a' gabhail iongnadh an taic a tha sinn a' faighinn bhon choimhearsnachd air fad, bhon chloinn gu lèir agus bho na pàrantan.
"Tha sinne a' smaoineachadh gum biodh e na b'fheàrr dhan chloinn againn Sgoil Lìonail a chumail fosgailte agus tha sinn an dòchas gun èist a' Chomhairle rinn", thuirt i.
Thuirt Comhairle nan Eilean Siar gu bheil iad a' cur fàilte air beachd sam bith a thig thuca tro cho-chomhairle agus gun coimhead iad air gach beachd fa-leth.
Thuirt iad gun tèid co-dhùnadh air an sgoil a dhèanamh aig coinneimh de Chomataidh an Fhoghlaim sa Ghearran.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Published
- 7 An t-Samhain 2014
- Published
- 30 An t-Sultain 2014
- Published
- 29 An t-Sultain 2014