Rabhadh mu ghearraidhean CnG
- Air fhoillseachadh

Thug fear a bha còrr is 20 bliadhna na cheannard air Àrd-sgoil a' Phluic rabhadh gum faodadh gearraidhean air a' Ghàidhealtachd droch bhuaidh a thoirt air foghlam na cloinne.
Tha Comhairle na Gàidhealtachd an-dràsta a' dèanamh co-chomhairle air mar as urrainn dhaibh gearraidhean luach £64m a dhèanamh.
Am measg nam molaidhean a th' aca, tha àireamh an luchd-obrach anns na sgoiltean a ghearradh agus cuid de chuspairean san 5mh is 6mh bliadhna san sgoil a theagasg tron eadar-lìon.
A rèir Dhonnchaidh Fheargasdain, a leig dheth a dhreuchd mar cheannard Àrd-sgoil a' Phluic ann an 2013, tha cunnartan an cois nam planaichean.
"Co-fhaireachdainn"
"Gu mì-fhortanach tha seo air a bhith a' tachairt airson iomadach bliadhna a-nis agus tha co-fhaireachdainn agam ri comhairlichean agus ri ceannardan an fhoghlaim gu h-àraidh a' dèiligeadh ri gearraidhean cho mòr ri seo", thuirt Mgr Feargasdan
"Aig a' cheall thall tha truas agam cuideachd ri tidsearan is sgoiltean aig an àm seo an uair a tha curriculum ùr a' tighinn a-staigh.
"Tha e a' cur dragh mòr ormsa gum biodh gearraidhean ann gu h-àraidh am measg luchd-teagaisg. Tha mi a' faicinn gu bheil sgoiltean air a bhith a' gearradh a-niste thar nam bliadhnaichean aig an aon àm 's a tha iad a' toirt a-staigh cùrsaichean ùra agus feumalachdan a' fàs fad na h-ùine am measg nan oileanach", thuirt e.
Amharasach
Thuirt Mgr Feargasdan gu bheil e amharasach cuideachd gum faodadh sgoilearan a bhith air an teagasg tron eadar-lìon.
"Tha sin ag obair bho àm gu àm ach biodh dragh mòr ormsa nam biodh sin a' tachairt ann am mòran chuspairean agus tha fios 'am gun cuireadh e dragh air a' chuid as motha de thidsearan.
"Chan eil na h-oileanaich a' faireachdainn cho comhfhurtail far nach eil tidsear faisg orra is far nach fhaod iad a dhol gu tidsear agus ceistean a chur orra", thuirt e.
Tha cothrom aig an t-sluagh am beachd a thoirt air molaidhean na Comhairle air na gearaidhean chun an 14mh den t-Samhain.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh30 An Dàmhair 2014