Bun-sgoil Sròn an t-Sìthein ga h-ùrachadh

Àrd-sgoil Àird nam Murchan Image copyright Richard Laybourne/Geograph
Image caption Dheadh an sgoil a chur am broinn na h-àrd-sgoile.

Chuir Comhairle na Gàidhealtachd planaichean air adhart airson Bun-sgoil Sròn an t-Sìthein ann an Suaineart ùrachadh.

Chaidh an sgoil a thogail sna 1970an, agus bidh clann Shuaineirt, Àird nam Murchan agus na Morbhairne ga frithealadh.

Thèid iarriadh air comhairlichean aig coinneimh an ath-sheachdain gun tèid an sgoil a chur ann an aonadan ùra aig Àrd-sgoil Àird nam Murchan sa bhaile.

Chosgadh na molaidhean mu £1.6m, a rèir nan oifigeach aig a' Chomhairle.

Tha an togalach na phàirt de leasachadh nas motha, de bheil talla a' bhaile cuideachd na pàirt.

Thuirt oifigich na Comhairle gun obraicheadh an t-ùghdarras ionadail leis a' choimhearsnachd a thaobh na tha an dàn don talla.