Tuiltean an Ceann Loch

Ceann Loch Chille Chiarain. Image copyright Campbeltown Courier
Image caption Bha luchd-smàlaidh ag obair tron oidhche ann an Ceann Loch Chille Chiarain.

Thàinig air na seirbheisean èiginn a dhol an sàs 's fìor dhroch thuiltean a' bualadh air Ceann Loch Chille Chiarain tron oidhche.

Bha luchd-smàlaidh ag obair fad na h-oidhche is sràidean sa bhaile a bha fo thrì troighean de dh'uisge.

Chaidh fios air na seirbheisean èiginn goirid ro mheadhan-oidhche Diardaoin.

"Seo tuiltean cho dona 's a chunnaic mi ann an 30 bliadhna", thuirt Ronnie Souden bhon t-seirbheis-smàlaidh.

"Bha uisge fìor throm againn agus làn àrd aig an aon àm.

Sruth

"Bha an t-uisge os cionn bhonaidean chàraichean is bha sruth ann cuideachd, bha againn a bhith cianail faiceallach fad na h-ùine", thuirt e.

Chaidh pocanan gainmhich a stèidheachadh gus dachaighean is gnìomhachasan a dhìon.

Air a' cheann thall, dh'fhàg na seirbheisean-èiginn mu 08:30m.

"Chaidh obair mhòr a dhèanamh is mura b' e sin bha tòrr a bharrachd sgrios ann", thuirt Mgr Souden.

"Daoine a bha ag èirigh aig ochd sa mhadainn, cha bhiodh iad air creidsinn cò ris a bha e coltach beagan uairean ron a sin", thuirt e.