Eas-aonta mu phlana Linne Chrombaigh
- Published
Tha Ùghdarras Phort Chrombaigh air dragh a thogail mu phlana aig a' bhuidhinn Global Energy Group gus caladh prìobhaideach a stèidheachadh aig beul Linne Chrombaigh.
Dh'innis Global Energy, leis a bheil Gàrradh Bhàgh an Eige, gu bheil iad a' deasachadh tagradh gu Riaghaltas na h-Alba gus ùghdarras caladh ùr a stèidheachadh.
Nam faigheadh iad cead, bhiodh smachd aca air sgìre fharsaing timcheall air beul Linne Chrombaigh.
Cothrom
Thuirt Àrd-Stiùiriche Ùghdarras Phort Chrombaigh, Bob Buskie, gun deach an t-ùghdarras a stèidheachadh le achd pàrlamaid bho chionn 40 bliadhna gus dèanamh cinnteach gum faodadh an linne air fad cothrom a ghabhail air leasachaidhean ann an gnìomhachas na h-ola sa Chuan a Tuath.
Dh'innis Mgr Buskie gur e sin prìomh amas an ùghdarrais fhathast is nach eil iad deònach leigeil le dad ceist a chur mu choinneimh.
Thuirt e cuideachd gun cuir iad an aghaidh plana sam bith a dh'fhaodadh bacadh a chur air an fharpais a tha companaidhean ùra air cur ris an sgìre.
Chan eil Global Energy Group air freagairt a thoirt air beachdan Mhgr Buskie.