Geama mòr san Òban

Pàirc Mossfield Image copyright MJ Richardson / Geograph
Image caption Chaidh sgrùdadh sàbhailteachd a dhèanamh an seo aig Pàirc Mossfield air thoiseach air a' gheama mhòr.

Thèid a' cheist mhòr mu dheireadh de sheusan na h-iomain - air a' phàirc co-dhiù - a rèiteach Disathairne is Camanachd an Òbain agus an Gearasdan gus coinneachadh aig Pàirc Mossfield.

Feumaidh sgioba an Òbain an geama a bhuanachadh gus an Lìog Nàiseanta - agus àite sa Phrìomh Lìog an ath-sheusan - a ghlèidheadh.

Nì puing a' chùis dhan Ghearasdan.

'S e seo an dàrna oidhirp air a' gheama a chluich.

Bha Camanachd an Òbain air thoiseach 1-0 san dàrna leth sa chiad gheama an uair a chaidh an rèitire, Raibeart Bacastair, a ghoirteachadh.

Chaidh rèitire eile a lorg ach le dàil leth uair de thìde air a bhith ann, cho-dhùin an Gearasdan, mar as còir dhaibh, nach robh iad airson cumail a' dol.

Droch-fhaireachdainn

Dh'fhàg an gnothach na h-uimhir de dhroch-fhaireachdainn ann is tha a h-uile coltas ann gu bheil brath bhon Ghearasdan an t-seachdain seo air cur ris a sin.

Thuirt an cluba sa phìos gun robh iad airson is gum bi fios aig teaghlaichean gum biodh e sàbhailte dhaibh a dhol dhan gheama.

Chaidh an Gearasdan cho fada is gun do dh'iarr iad sgrùdadh sàbhailteachd a dhèanamh air a' gheama còmhla ri sgioba an Òbain is Comann na Camanachd.

"Chan aithne dhomh gun do thachair seo a-riamh roimhe ann an iomain", thuirt eòlaiche na spòrs, Uisdean MacIllinnein.

"Dh'fhaodadh tu coimhead air ann an dà dhòigh; 's dòcha gu bheil lasair air a dhol dhan chùis no gu bheil daoine air a bhith a' feuchainn ris a shocrachadh.

Buaidh

"Tha e doirbh a dhèanamh a-mach dè a' bhuaidh a bhios aig na sgrìobh an Gearasdan, gun robh ceistean sàbhailteachd ann, 's dòcha gun cuir sin an ceòl air feadh na fidhle, cò aig a tha fios", thuirt e,

Air a' phàirc fhèin tha e doirbh tomhas a dhèanamh dè thachras is an dà sgioba air soirbheachadh am-bliadhna.

Tha teansa gum bi na h-uimhir a' crochadh air dè cho deiseil 's a tha iad is sia seachdainnean ann bhon chiad gheama.

"Tha sinne air a bhith a' trèanadh mar as àbhaist", thuirt manaidsear a' Ghearasdain, Bhictor Mac a' Ghobhainn.

"Sa chiad gheama bha sinn air tòir an Òbain. B' fheàrr leam an turas seo gum faigheadh sinn air thoiseach tràth sa gheama", thuirt e.

Fhuair sgioba an Òbain togail is ath-thagradh a rinn iad air casg a bh' air Seumas Mac a' Mhaolain air soirbheachadh.

Bha Mac a' Mhaolain air càirt bhuidhe fhaighinn sa chiad gheama.

"Spionnadh"

"Tha sin air spionnadh a thoirt dhuinn", thuirt manaidsear an Òbain, Gussie Caimbeul.

"Tha tòrr a' crochadh air seo ach ma chluicheas sinn mar a rinn sinn sa chiad gheama, dh'fhaodadh gun tèid e nar fàbhar", thuirt e.

Gu h-annasach, tha teansa nach bi an geama gu diofar air a' cheann thall oir ma thèid moladh air structar nam farpais troimhe aig coinneamh bhliadhnail Chomann na Camanachd aig deireadh na mìos, thèid an dà sgioba suas dhan Phrìomh Lìog co-dhiù.

Le beachdan làidir san spòrs mun structar a bh' ann am-bliadhna, cò aig a tha fios nach e oidhche a tha sin air am bi feum air sgrùdadh sàbhailteachd ro-laimh.

Tòisichidh an geama san Òban Disathairne aig 1:30f.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile