Comhairle is SSE a' coinneachadh

Crainn-ghaoithe
Image caption Tha cosgais 2sg a bharrachd airson gach aonad dealain a' tighinn air luchd-cleachdaidh sa cheann a tuath.

Coinnichidh riochdairean bhon chompanaidh dealain Scottish and Southern Energy (SSE) ri ceannardan Comhairle nan Eilean Siar Diluain, a bhruidhinn air na cosgaisean dealain a bharrachd a tha a' dol air daoine air na Gàidhealtachd agus nan Eilean.

Thàinig e am bàrr bho chionn ghoirid gu bheil luchd-cleachdaidh sa cheann a tuath a' pàigheadh 2sg a bharrachd airson gach aonad dealain na tha daoine anns a' chòrr de dh'Alba.

Thuirt SSE gum b' fheàrr leotha gur e an aon ìre de chosgaisean a bhiodh air a h-uile duine, agus gun do dh'iarr iad air Riaghaltas Westminster agus air riaghladair a' chumhachd Ofgem cùisean atharrachadh.

Bha ceannard na Comhairle, Aonghas Caimbeul, ag ràdh gum b' fheàrr leisesan gun cuireadh a' chompanaidh na cosgaisean sìos anns a' bhad.