BBC Naidheachdan

Dotairean gan tàladh gu tuath

Published
image captionTha 24 dreuchdan bàn air Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan an-dràsta.
Tha Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd a' dèanamh sanasachd is iad a' feuchainn ri dotairean a tha ag obair anns na bailtean mòra an ceann a tuath Shasainn a thàladh gu tuath.
Nochdaidh sanasan Diluain ann an Leeds, an dàrna baile ann an Sasainn air a bheil ceannardan NHS na Gàidhealtachd ag amas.
Tha a' bhuidheann air companaidh shanasachd a tha stèidhichte ann an Jersey fhastadh ann an oidhirp dreuchdan a lìonadh ann an eileanan na h-Alba, agus ann an sgìrean dùthchail de Thìr Mòr na Gàidhealtachd far a bheil duilgheadasan dotairean a thàladh.
Chan eil dotairean ann an Alba cho deònach na dreuchdan sin a ghabhail, seach gu bheil uallach nas motha air dotairean air an tuath na th' air dotairean sna bailtean mòra.
An-dràsta tha mu 24 dreuchdan bàn air Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan.
Gheibh na daoine a ghabhas iad cothrom barrachd ùine a chur seachad còmhla ri euslaintich, agus fiù 's airgead a bharrachd fhaighinn airson a bhith a' fuireach sna sgìrean sin, ma tha iad deònach a bhith air an gairm a-mach aig àm sam bith gu suidheachaidhean èiginneach.