Dòigh ùr a dhìth le dealan

Tuath-gaoithe
Image caption Tha maill mhòr air tighinn air Càball a' Chuain Sgìth.

Feumar coimhead ri dòighean air dealan saor a thoirt do mhuinntir nan Eilean Siar à cumhachd ath-nuadhachail a thèid a chruthachadh anns na h-eileanan fhèin.

Tha am beachd sin a' tighinn bho dhithis eòlaichean, 's teagamhan mòra fhathast an tèid a chaoidh càball a chur fon mhuir airson dealan nan eilean fhaighinn gu Tìr Mòr.

Thathas cuideachd ga fhaicinn mar dhòigh air dèiligeadh ri bochdainn connaidh anns na h-eileanan.

Tha ceannard na buidhne iomairt Energy Action Scotland, Tormod Mac Ille Chiar, ag ràdh gu bheil an t-àm tòiseachadh a' coimhead air seo ann an dòigh eadar-dhealaichte.

Dachaigh

"Saoilidh mi gur e a dh'fheumas sinn coimhead ris ach "cruthachadh suidhichte", mar eisimpleir na h-eileanan fhèin a bhith a' cruthachadh cuid mhath den dealan a tha sin, agus dè nì sinn leis?

"An cuir sin gu Tìr Mòr e, no an smaoinich sinn air dòigh ionmhalta ùr air a chleachdadh anns na h-eileanan fhèin.

"Mar eisimpleir an urrainn dhuinn a stòradh? Agus ma nì sinn sin, an urrainn dhuinn a stòradh ann an siostaman teasachaidh dhaoine?

"Am faod sinn an dealan sin a chur a-steach gu siostaman teasachaidh dhaoine aig amannan den là nuair a tha an t-uabhas cumhachd ann.

"Seach a bhith a' cur an tuath-ghaoithe dheth, faodaidh sinn an dealan a stòradh ann an siostaman teasachaidh dhaoine ann an dòigh fada nas eaconamaich na a bhith a' cur a' cheangail a-null gu Tìr Mòr," thuirt e.

Chan eil e soilleir ge-tà, an gabhadh daoine ris nach biodh an ceangal ann gu Tìr Mòr, agus am b'fhiach e tuathan-gaoithe a chur an sàs anns na h-eileanan gun teachd-a-steach a bhith ann bho a bhith a' reic an dealain ris a' Ghriod Nàiseanta?

Ach tha na tha dealan a' cosg anns na h-eileanan an-dràsta, còmhla ris na tha de dhaoine ann am bochdainn connaidh - 70% den t-sluagh, an taca ri 27% gu nàiseanta - ga dhèanamh gu math tarraingeach coimhead dha-rìribh ri dealan nan eilean a chruthachadh anns na h-eileanan fhèin.

"Tha mi a' smaoineachdainn ann am bliadhnaichean a tha romhainn gum biodh e iomchaidh sùil a thoirt gu sònraichte air sgàth 's nach eil e comasach a bhith a' cur càbaill aig an ìre seo fhathast a-null co-dhiù gu Tìr Mòr, gum biodh e iomchaidh a bhith a' faicinn nan dòighean far am biodh an cumhachd air a chleachdadh gu h-ionadail," thuirt an t-eòlaiche air cumhachd ath-nuadhachail, Murchadh Moireach.

"Nuair a tha mi a' bruidhinn gu h-ionadail, tha mi a' ciallachadh eadhon a' tòiseachdainn le dachannan fhèin, an t-aonad as lugha.

"A bhith a' cleachdadh cumhachd ath-nuadhachail airson a bhith a' leasachadh an fheum a th' air a bhith a' ceannach cumhachd a-steach dhan dachaigh, agus dhan choimhearsnachd, ag obair suas bhon aonad as lugha."

Chan ann an-diugh no a-màireach a thachradh leithid de sgeama ge-tà, agus anns an eadar-ama feumar dèiligeadh ri bochdainn connaidh anns na h-eileanan.

Tha iarrtasan ann airson barrachd taic a bhith ann do dhaoine an dachannan a chumail blàth.

Ged a tha Murchadh Moireach ag aontachadh ri sin, tha e cuideachd ag ràdh gum bu chòir gun tèid na h-ùghdarrasan an sàs gu sònraichte leis a h-uile dachaigh ùr a thèid a thogail gus am bi iad freagarach air cumhachd ath-nuadhachail a ghabhail.

"Mar a tha mise a' coimhead ris, tha thu nas fheàrr tòiseachdainn aig an toiseach mar gum biodh, 's nuair a thathas a' dol a thogail taighe ùir, 's e dèanamh cinnteach gu bheil na rudan a' dol an sàs ann a tha gu bhith freagarach airson leantainn air adhart," thuirt e.

"Glè thric nuair a tha cupal òg, tha iad a' coimhead ri dachaigh, tha iad a' coimhead ri rudeigin thairis air an ceann, agus chan e dè na cosgaisean a tha gu bith aca sna bliadhnaichean a tha ri teachd.

"A-rèiste tha mise a' smaoineachdainn gum biodh e sònraichte math nam biodh an Riaghaltas agus na Comhairlean ag obair còmhla agus a' toirt taic dha daoine òga a tha a' togail taighe às ùr, airson dèanamh cinnteach gu bheil iad ga thogail ann an dòigh a tha iomchaidh airson, can an-dràsta a' ghrian 's rudan, agus còmhla ri sin a' faighinn taic airson gnothaichean ath-nuadhachail a chur an sàs bho thoiseach.

"Sin an suidheachadh far a bheil thu a' tòiseachdainn le dachaigh," thuirt e.