Iomairt airson amar-snàimh Mhalaig

Tha iomairt air tòiseachadh gus amar-snàimh Mhalaig a shàbhaladh, agus dragh sa bhaile gun dùin e ma thèid taic-airgid bho Chomhairle na Gàidhealtachd a chall.

Tha an t-ùghdarras a' moladh an t-airgead a ghearradh mar phàirt de shàbhalaidhean a tha iad a' dèanamh.

"Tha e uabhasach cudromach do na daoine a tha a' dol gu muir," thuirt Mìcheal Currie a tha a' fuireach ann am Malaig.

"'S e feum mòr a th' ann ma nì thu snàmh idir, air t-sàilleabh, tha sinne a' dèanamh chùrsaichean ceithir, còig, sia trupan sa bhliadhna, PST a chanas iad ris "Personal Survival Techniques".

"Feumaidh sinn a dhol dhan amar-snàimh agus rath a bhith againn, 's car a chur den rath gum bi iad a' faighinn a-staigh ann 's a h-uile sgath.

"Tha e a' dèanamh diofair mhòir dìreach a' falbh anns a' chlas a dh'ionnsaigh an amair-snàimh an seo agus an gnothach a chur seachad ann an aon là."