A' Ghàidhlig luach nam milleanan

A' Ghàidhlig
Image caption Cuiridh an cànan ri ìomhaigh agus cliù stuth agus seirbheisean a reiceas companaidhean, a rèir an sgrùdaidh.

Tha luach suas ri £148.5m gach bliadhna do dh'eaconamaidh na h-Alba an lùib cleachdadh na Gàidhlig ann an gnìomhachasan agus buidhnean eile, a rèir rannsachaidh ùir.

Tha an sgrùdadh a' cumail a-mach gu bheil cleachdadh a' chànain ann an suaicheantasan agus sanasachd a' dèanamh ghnìomhachasan nas tarraingiche do luchd-ceannaich.

'S iad Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean (HIE) a bha air cùlaibh an rannsachaidh, 's iad air faighinn gur iad gnìomhachasan anns na h-Eileanan, air Ghàidhealtachd, ann an Glaschu, Dùn Èideann agus Earra-Ghàidheal is Bòd as motha a tha ag aithneachadh na Gàidhlig.

Chaidh an rannsachadh fhoillseachadh ann an aithisg ùr air a bheil Ar St.

Tha an aithisg ag innse gu bheil suaicheantasan agus sanasachd dà-chànanach sa Ghàidhlig agus sa Bheurla a' cur ri luach na tha gnìomhachasan agus buidhnean a' tabhainn.

Thuirt an luchd-rannsachaidh gum faod a' Ghàidhlig cho sònraichte 's a tha stuth agus seirbheisean a mheudachadh, a thuilleadh air mar a chì luchd-ceannaich "ùghdarras agus dùthchas" na cheannaicheas iad.

Cho-dhùin iad gum faod a' Ghàidhlig a bhith luach eadar £81.6m agus £148.5m sa bhliadhna do dh'eaconamaidh na h-Alba.

Chan ann a-mhàin sna sgìrean traidiseanta a tha sin fìor, agus àireamhan bhon chunntas-sluaigh mu dheireadh a' dearbhadh gu bheil mu 10,000 Gàidheal ann an Glaschu no san sgìre mun cuairt, agus 6,000 ann an Dùn Èideann no faisg air.

Dh'obraich HIE còmhla ri Bòrd na Gàidhlig, Dualchas Nàdair na h-Alba, Alba Cruthachail, Comhairle na Gàidhealtachd, Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid agus Comhairle nan Eilean Siar gus an rannsachadh a dhèanamh.