A' Mhanachainn-Denny - pàirt mòr den loidhne beò

Tùr dealain Image copyright bbc
Image caption Tha dùil gun cosg a' phòiseict £600m air a' cheann thall.

Chaidh crìoch a chur air a' phàirt as motha den loidhne-dealain eadar a' Mhanachainn agus Denny agus tha e beò a-nis.

Thug e ceithir bliadhna an loidhne a tha a' dol eadar Cille Chuimein agus Drochaid Dubhaig a thogail.

Tha 78 mìle de dh'fhaid anns an loidhne eadar a' Mhanachainn agus Drochaid Dubhaig agus tha 209 tùir ga cumail an-àirde.

Chaidh am pàirt den loidhne eadar a' Mhanachainn agus Cille Chuimein a chur beò an-uiridh.

Bidh an loidhne eadar a' Mhanachainn is Denny 137 mìle de dh'fhaid agus bidh 600 tùr ann uile gu lèir, le cuid aca suas ri 65m de dh'àirde.

Tha cuid air a bhith a' gearain gum mill na tùir coltas na dùthcha.