Obair aig Seach-rathad an t-Sròim

Tha Comhairle na Gàidhealtachd air cùmhant a thoirt do chompanaidh airson pàirt den bhruthach os cionn an A890 Seachd-rathad an t-Sròim far an robh maoim-slèibhe anns an Dàmhair a dhèanamh sàbhailte.

Thuirt Rope Access Scotland Ltd gun toir iad trì no ceithir seachdainean a' dèanamh na h-obrach.

Tha a' Chomhairle ag ràdh gum bi an rathad dùinte eadar 7:00f is 07:00m fhad 's a bhios an obair a' dol air sgàth sàbhailteachd.